Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

Ag Obair Còmhla

ag obair còmhla

Tha an soirbheachadh aig Am Baile air a neartachadh le buidhnean coimhearsnachd agus daoine fa leth. Bidh sinn a' toirt taic do bhuidhnean eachdraidh ionadail, buidhnean coimhearsnachd agus daoine fa leth ann a bhith a' gleidheadh agus a roinn cultar nan sgìrean ionadail sin. Ma tha dealbhan no aithisgean sam bith agad a tha a' toirt barrachd fiosrachaidh mu bheatha anns a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, an-dràsta no anns na làithean a dh'fhalbh, chòrdadh e rinn cluinntinn bhuat.

  • 'S urrainn dhuinn stuthan sam bith a bu thoigh leibh a roinn, didsiotachadh (an-asgaidh), nam measg sin dealbhan, seann aithisgean agus eadhon clàran fuaim agus clàran bhidio.
  • Bidh sinn a' didsiotachadh chun nan ìrean as àirde agus tillidh sinn an stuth thugad, le leth-bhreac didsiotach cuideachd.
  • Chan eil sinn ag iarraidh ach gun cur thu d' ainm ri aonta dlighe-sgrìobhaidh a' leigeil le Am Baile cead a thoirt, cuid no a h-uile rud, dhe na stuthan didsiotach a chur air an làraich-lìn. Gus aonta an dlighe-sgrìobhaidh fhaicinn bruth an seo.
  • Ma tha clàran tùsail agad a bu mhath leath a ghleidheadh gu tèarainte, agus air am faodadh am poball cothrom fhaotainn airson rannsachadh ann an suidheachadh fo smachd, cuir fios gu Seirbheis Tasglainn Chomhairle na Gàidhealtachd air 01463 220 330 no air post-dealain aig archives@highlifehighland.com
  • 'S urrainn dhuinn comhairle a thoirt air cùisean co-cheangailte ri dlighe-sgrìobhaidh.

Tha na leanas am measg nan dòighean anns a bheil sinn air taic a thoirt do bhuidhnean dualchais:


  • Le bhith a' brosnachadh fhoillseachaidhean agus thaisbeanaidhean le bhith a' sealltainn cuid dhe na stuthan nan cois agus fiosrachadh mu dhòighean air na stuthan a cheannach
  • A bhith a' gleidheadh seann taisbeanaidhean le bhith a' didsiotachadh an cuid stuthan agus le bhith a' cur an fhiosrachaidh an làthair air an eadar-lìon.

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village