
Tha Ionad Chaluim Chille Ìle, stèidhichte air taobh a-muigh Bogh Mòr ann an Eilean Ìle, na ionad Gàidhlig far a bheil sinn ag amas air Gàidhlig agus dualchas a bhrosnachadh agus a leasachadh. Cuideachd, tha pròiseact beul-aithris Seanchas Ìle stèidhichte anns an ionad far a bheil sinn a' cruinneachadh agus a' clàrachadh dualchas Gàidhlig Ìle. Tha barrachd air 60 uairean de naidheachdan, chuimhneachan, òrain is msaa anns an tasg-lann Seanchas Ìle, a chaidh a chlàrachadh bho mhuinntir an àite aig a bheil Gàidhlig. A bharrachd air seo, bidh an ionad a' tairgse seòmraichean-teagaisg, leabharlann, ionad cùram cloinne, seòmraichean coinneimh, goireasan craobh-sgaoilidh, coimpiutarlann, àite-taisbeanaidh agus cafaidh (as t-samhradh a-mhàin).
Airson barrachd fiosrachaidh cuiribh fios gu:
Ionad Chaluim Chille Ìle
Gart na Traghad
Bogh Mòr
Eilean Ìle
PA43 7LN
Fòn: 01496 810 818
Post-dealain: fios@ile.ac.uk
www.ile.ac.uk
www.seanchas-ile.net
Uairean Fosglaidh: Diluain - Dihaoine 9m - 5f
Collections
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: