Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Taigh Croite mar a bha cumanta air a'Ghàidhealtachd

society

Eilthireachd



 Goireasan Eilthireachd do Sgoiltean
 Eilthireachd


Tha eilthireachd nan Gàidheal a' cruthachadh ìomhaighean de theaghlaichean air an caitheamh gu brùideil a-mach às an dachaighean agus air am fuadach a-null thairis. Chan eil an fhìrinn cho sìmplidh sin, ged-tà. Dh'fhalbh tòrr len toil fhèin, agus fhuair tòrr eile buannachd às a' chùis. Cha deach na h-eilthirich gu lèir a-null thairis. Chaidh mòran gu àitichean eile ann an Alba, a' gluasad bhon tuath gu bailtean, agus gu àitean eile anns a' Ghàidhealtachd fhèin.

An t-ochdamh linn deug
B' ann ri linn crìonadh ann an siostam a' chinnidh agus cothroman toiseach tòiseachaidh ùr a dhèanamh anns na coloinidhean a rinn a' chiad bhuidheann de Ghàidheil eilthireachd. B' iad na fir-taic bhon t-seann shiostam a bha os an cionn. Chaidh cuid a shireadh fortan air ionadan cuir sna h-Ìnnseachan an Iar no anns na coloinidhean Ameireaganach. Thug cuid an luchd-gabhail còmhla riutha, 's iad a' feuchainn ris an t-seann òrdugh a chur air bhonn a-rithist ann an suidheachadh ùr. Rinn mòran Ghàidheal tuineachadh agus tìreachadh ann an Canada Àrd agus anns na Sgìrean Fairgeach. Thàlaidh sgeamaichean a' Mhorair Shailcirc mòran eilthireach. Ann an 1815 bha 30,000 Gàidheal air tuineachadh ann an Ameireaga a Tuath.

An naoidheamh linn deug
Fhad 's a bha gnìomhachas na ceilp (feamainn) a' soirbheachadh bha feum air sluagh mòr airson a cruinneachadh agus a giollachd agus bha bacadh air eilthireachd. Nuair a thuit an gnìomhachas às a chèile ged-tà dh'fhàg sin sluagh mòr gun chosnadh agus bha daoine air am brosnachadh a-rithist, agus uaireannan air an co-èigneachadh, gus eilthireachd a dhèanamh.

Le Gort a' Bhuntàta agus a' bhochdainn a bha na cois bha iarraidh na bu mhotha ann eilthireachd a dhèanamh. Eadar 1841 agus 1861 chaill a' Ghàidhealtachd an Iar agus na h-Eileanan trian dhen t-sluagh aca. Ri linn leudachadh mòr ann an togail bhàtaichean agus innleadaireachd throm chaidh mòran a dh'fhuireach agus a dh'obaiir ann an Glaschu agus an sgìre timcheall air. Rinn mòran a bharrachd eilthireachd a dh'Aimeireaga a Tuath. Fhuair mòran cuideachadh gus eilthireachd a dhèanamh a dh'Astràilia cuideachd.

Am ficheadamh linn
Lean eilthireachd bhon Ghàidhealtachd an Iar agus Ìnnse Gall a Ghlaschu agus sgìre Chluaidh suas gu tràth san 20mh linn. B' e eilthireachd 1923 air a' Mharloch 's air a' Mhetagama na sgeamaichean eilthireachd mu dheireadh a bh' ann.

Ged a lean eilthireachd às dèidh an dàrna cogaidh, gu sònraichte gu Astràilia agus Afraga a Deas, b' e am prìomh chuspair air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an sluagh a bhith a' gluasad taobh a-staigh na sgìre. 'S e an gluasad seo bho sgìrean iomallach na Gàidhealtachd gu na bailtean fhathast an trioblaid as motha a tha a' bualadh air a' Ghàidhealtachd.



BIBLIOGRAPHY

If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - Check Highland Libraries' Catalogue

Harper, Marjory
Adventurers and Exiles Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
The Great Scottish Exodus (2003)

Marjory Harper
Emigrant Homecomings Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
The Return Movement of Emigrants (2005)

Teichmann. Iris
Life as an Immigrant Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
London: Franklin Watts (2005)

Wilkie, Jim
Metagama Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
A Journey from Lewis to the New World (2001)

Marjory Harper
Myth, Migration and the Making of Memory Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
Scotia and Nova Scotia, c.1700-1990 (1999)

Bennett, Margaret
Oatmeal and the Catechism Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
Scottish Gaelic Settlers in Quebec (1998)

Teichmann, Iris
One Country to Another Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
London : Franklin Watts, 2005

Scottish Historical Studies Seminar
Scottish Emigration and Scottish Society Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
Devine, T. M. 'Landlordism and Highland Emigration' (1992)

James Hunter
Scottish Exodus Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
Travels Among a Worldwide Clan (2005)

O'Neil, Judith
So Far From Skye Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
Harmondsworth: Penguin (1992)

Fidler, Kathleen
The Desperate Journey Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
Edinburgh: Kelpies (2002)

MacDonell, Margaret
The Emigrant Experience Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
Songs of Highland Emigrants in North America (1982)

Hirst, Mike
The History of Emigration from Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
London: Franklin Watts (1997)

McLean, Marianne
The People of Glengarry Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
Highlanders in Transition, 1745-1820 (1991)

Bumsted, J.M.
The People's Clearance Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Morpurgo, Michael
Twist of Gold Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
London: Egmont Children's (2001)

Withers, Charles W. J.
Urban Highlanders Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
Highland-Lowland Migration and Urban Gaelic Culture, 1700-1900 (1998)

Byrne, C.J., Harry, M., Siadhail, P.O.(eds)
Celtic Languages and Celtic Peoples
Saint Mary's University, Halifax, N.S., 1992. Devine, T.M.'The Flight of the Poor: Highland Emigration to Canada in the Mid-Nineteenth Century'


Economic History Review, 32, (1979)
Devine, T. M. 'Temporary Migration and the Scottish Highlands in the 19th Century'

Faigh tuilleadh leabhraichean mu eilthireachd

Goireasan tidseir - ' Gàidheil ag Imrich'

Devine, TM
Scottish Historical Review
vol 62, 1983 pp137-149, 'Highland Migration to Lowland Scotland, 1760-1860'

Gaelic Society of Inverness
Transaction of the Gaelic Socirty of Inverness
Vol. 57, 1990-1992 - Balfour, Roderick 'The Highlands and Islands Emigration Society, 1852-1858'

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village