Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Mòr-thubaist Rathad-iarainn Dhrochaid Charra

society

Tubaistean



 Tubaistean
 Sprèadhaidhean
 Teintean
 Tuiltean
 HMS Iolaire
 Aiseag Dhathan (Meikle ferry)


Chan eil coimhearsnachdan na Gàidhealtachd air a bhith gun thubaistean duilich. Tha teaghlaichean iasgairean air an luchd-gràidh a chall don mhuir. Tha tubaistean air a bhith ann an-còmhnaidh air a' bheinn air neo ann an aibhnichean fo thuil far an deach daoine a bhàthadh. Ach tha rudan air tachairt a tha comharraichte mar mhòr-thubaistean a tha air buaidh uabhasach a thoirt air làn-choimhearsnachdan. Seo cuid dhiubh:

Mòr-thubaist Phort a' Choltair
Suas gu 1812 cha robh dòigh thairis air Caolas Dhòrnaich ach an t-aiseag. Air an oidhche 16 Lùnastal 1809 chaidh còrr is 100 duine de mhuinntir Chataibh air bòrd air taobh Dhòrnaich dheth le bathar agus beathaichean airson na fèille ann am Baile Dhubhthaich. Dh'fhalbh am bàt-aiseig 's luchd ro mhòr oirre agus, ged a bha an t-sìde ciùin, bha am bàta eagalach ìosal san uisge. Mu letheach-slighe a-null thionndaidh am bàta tarsainn an t-sruth agus thòisich i air uisge a thoirt air bòrd. Chaidh i fodha sa bhad cha mhòr agus chaidh 99 daoine às an rathad, nam measg Siorram Dhòrnaich, Ùisdean MacCullach. Chaidh £2,900 a chruinneachadh airson cobhair a dhèanamh, mòran dheth à thall thairis. Ri linn 's na thachair chaidh Drochaid a' Bhanna a thogail ann an 1812.

Bàthadh Mòr Nis
Anns an 19mh linn thug mòran eileanach beòshlaint bhon mhuir, nam measg fir Nis aig fìor cheann a tuath Eilean Leòdhais. Thug an cosnadh cunnartach seo buille chruaidh don bhaile air 18 Dùbhlachd 1862, latha air a bheil cuimhne fhathast mar 'Là a' Bhàthaidh Mhòir'. Chaidh gach duine a bha air bòrd còig bàtaichean iasgaich bhon sgìre - 31 duine uile gu lèir - às an rathad ann an stoirm mhòir. Fhuair dà bhàta eile gu tèarainteachd air oirthir Chataibh. Thachair rud coltach ri seo ann an Sealtainn, mòr-thubaist Gloup ann an 1881, agus thug seo cuideachd droch bhuaidh uabhasach air a' choimhearsnachd.

Call na h-Iolaire
Cha do thachair mòran riamh a dh'fhàg uiread de làrach air a' choimhearsnachd 's a dh'fhàg Call na h-Iolaire. Bha an Cogadh Mòr seachad. Bha Leòdhas air faisg air 1000 de na fir òga aige a chall mu-thràth anns an t-strì; bha mòran dhe na balaich eile a' tilleadh dhachaigh air bòrd na h-Iolaire air 31 Dùbhlachd 1918. Cha b' urrainn dhan bhàt-aiseag a bhiodh a' ruith eadar an Caol agus Steòrnabhagh na saighdearan uile a ghabhail; mar sin chaidh an gheat spaideil an Iolaire a chleachdadh airson an còrr a ghiùlan, 284 uile gu lèir. Nuair a bha i a' dlùthachadh air Steòrnabhagh chuir sìde fhiadhaich agus fairge mhòr an soitheach air na creagan ris an canar Biastan Thuilm. Air an oidhche fhuar fhiadhaich sin chaidh 181 às an rathad. Bha iad air tàrrsainn às a' Chogadh Mhòr lem beatha agus bhàthadh iad ann an sealladh an dachaigh, agus iad an dùil a bhith a' cumail na Bliadhn' Ùire còmhla rin teaghlaichean. Tha bàird Ghàidhlig, leithid Mhurchaidh MhicPhàrlain, Bàrd Mhealboist, a' toirt cunntas air an sgrios seo agus a' bhuaidh a bha aige air a' choimhearsnachd.



BIBLIOGRAPHY

If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - Check Highland Libraries' Catalogue

MacPharlain, Murchadh
An toinneamh diomhair Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
pp 68-78 [two poems on the sinking of the Iolaire]

Dòmhnallach, Tormod
Call na h-Iolaire Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Sage, Donald
Memorabilia Domestica Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd


The Companion to Gaelic Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village