Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
A' Bhan-Iarla Nic an Tòisich (an Còirneal Anna)

society

Riaghaltas



 Taghaidhean
 Riaghaltas [Measgachadh]
 Tighearnas nan Eilean
 Pàrlamaid
 Pàrtaidhean Poileataiceach
 Crùn na h-Alba


Bha a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan riamh doirbh an riaghladh. Ann an 2 RC sgrìobh an t-ùghdar Ròmanach Ptolemy gun robh Alba air a roinn ann an 17 sgìrean threubhan a bha a' cogadh an aghaidh a chèile. Thàinig siostam a' chinnidh a-mach à seann shiostam threubhan nan Ceilteach.

Riaghladh a' chinnidh
Tha am facal 'clan' bhon Ghàidhlig, clann. Chaidh a chleachdadh an toiseach ann an iomradh air cath eadar dà theaghlach air Innis Tuath Pheairt ann an 1396. Bha an 'clan' no an cinneadh a' ceangal chàirdean-fala còmhla fo aon cheannard. Bha an dreuchd seo a' ruith ann an teaghlaichean. Bhiodh na cinn-chinnidh sin a' riaghladh nan sgìrean aca mar gum b' e rìoghachdan beaga a bh' annta. B' e Tighearna nan Eilean a bu chumhachdaiche dhiubh uile. Bha e a' riaghladh thairis air sgìre bho Eliean Leòdhais gu ruige Ìle, cho math ri sgìrean air tìr-mòr na Gàidhealtachd.

Riaghladh nan Lochlannach
Cha b' e na cinnidhean cumhachdach an aon trioblaid a bha aig a' Chrùn. Suas bhon 8mh linn bha smachd aig na Lochlannaich air a' mhòr-chuid de na h-Eileanan. Thill na h-Eileanan an Iar dhan Chrùn fo Chòrdadh Pheairt (1266), ach lean Arcaibh agus Sealtainn fo ùghdarras nan Lochlannach gus an deach an tilleadh mar phàirt de thochradh pòsaidh Sheumais III ann an 1468-9.

Fàs fiùdalachd
Ron 12na linn bha Crùn na h-Alba na bu chumhachdaiche ach bha tàire aige fhathast a' toirt air na cinnidhean Gàidhealach a thoil a dhèanamh. B' e gun robh an sgìre fada bhon chumhachd rìoghail agus doirbh faighinn thuice a bu choireach ri seo. Nuair a thàinig an siostam fiùdalach Nòrmanach a-staigh bha seo a' bagairt air cumhachd nan ceann-cinnidh, leis gun robh fiùdalachd ag iarraidh ùmhlachd don Chrùn a-mhàin.

Ceithir cheud bliadhna an dèidh seo ged-tà bha an Crùn agus a' Phàrlamaid fhathast ag aontachadh laghannan gus cumhachd nan cinnidhean a lùghdachadh. Bhrosnaich an Crùn sabaid eadar na cinnidhean gus an lagachadh, agus b' ann ri linn a' phoileasaidh seo a thachair Murt Ghlinne Comhann ann an 1692. Aig a' cheann thall chuir na thachair an dèidh Blàr Chuil Lodair às do shiostam a' chinnidh agus chaidh na cumhachdan oighreachail aig na cinn-chinnidh a thoirt bhuapa le làmhachas làidir.

Riaghladh ionadail
Tha riaghladh ionadail air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan gu math nas sìtheile agus nas deamocrataiche an-diugh. Tha atharrachadh no dhà air tighinn air ged-tà. Chaidh Roinn na Gàidhealtachd a chruthachadh à seann shiorrachdan agus bailtean na Gàidhealtachd an dèidh Aithisg Wheatley ann an 1969. Chaidh na h-Eileanan Siar agus Arcaibh agus Sealtainn a chumail nan sgìrean air leth.

Pàrlamaid na h-Alba
Le stèidheachadh Pàrlamaid na h-Alba thàinig tuilleadh leasachaidh air riaghladh ionadail air feadh Alba, ach cha robh buaidh mhòr aig seo air a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. Tha Roinn na Gàidhealtachd ann fhathast an-diugh na Comhairle na Gàidhealtachd; agus tha làn inbhe comhairle aig na h-Eileanan a Tuath agus an Iar le chèile.



BIBLIOGRAPHY

If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - Check Highland Libraries' Catalogue

Mackie, J. D.
A History of Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Smout, T. C.
A History of the Scottish People Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd


Factfile Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Lynch,Michael
Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Watson, Fiona
Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Whyte, I. D.
Scotland before the Industrial Revolution Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Whyte, I. D.
Scotland's society and economy in transition Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Faigh tuilleadh leabhraichean mun riaghaltas

Davidson, Neil
The Origins of Scottish Nationhood
London, Pluto Press, 2000

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village