Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Buidheann Smàlaidh Inbhir Nis air Taobh a  Muigh Taigh a' Bhaile an Stràid ar

society

Lagh, òrdugh & sàbhailteachd phoblach





Bho thràth anns na meadhan linntean rinn an Crùn agus an Eaglais laghannan airson rian a chur air a' chomann-shòisealta. Cha robh dòigh air an cur an gnìomh air feadh na Gàidhealtachd ged-tà. Cho-dhùin coimhearsnachdan dè bha ceart no ceàrr, agus thug iad seachad peanas nuair a bha sin iomchaidh.

A' cur lagh fiùdalach an gnìomh
Anns an 12na linn chruthaich Righ Daibhidh 1 siorrachdan gus sìth an rìgh a ghleidheadh tro chùirtean agus oifigearan. B' iad na cùirtean siorraidh a bu shoirbheachaile, agus gus an latha an-diugh 's iad am prìomh mheadhan air ceartas a thoirt seachad anns na coimhearsnachdan.

Fhuair iarlachdan sònraichte còir oighreachail air lagh eucorach a chur an gnìomh (cha deach a thoirt bhuapa gu 1747). Air sgàth ceartais bha cead aca daoine a lorg, a chur an grèim, a cheasnachadh, a chur dhan phrìosan agus a dhìteadh dhan chroich fiù 's. Suas gu 1745 bha a chrochadair fhèin aig Mac Shimidh; bha e a' còmhnaidh ann an cùl fad às air an oighreachd oir, gu h-iongantach, cha robh duine airson fuireach ri thaobh! Tha an taigh, Tighancrochadair, an sin gus an là an-diugh, 4 mìle an iar air a' Mhanachainn.

A' cur lagh na h-eaglaise an gnìomh
Ron Ath-leasachadh b' e sagart paraiste le Gàidhlig an t-eòlaiche air laghannan cliù-mhillidh, buidseachd agus dà-chèileachas. Chuir e lagh na h-eaglaise an sàs agus dh'fhaodadh e tagradh a dhèanamh, ma bha feum air, gu cùirt nan easbaigean.

Às dèidh an Ath-leasachaidh chaidh an siostam Clèireach a stèidheachadh airson smachd a chumail anns an eaglais. Bha cumhachd aig èildearan eaglaise muinntir na paraiste a thoirt air beulaibh an t-Seisein agus peanas a chur orra, mar eisimpleir 'sitting on the stool of repentance in sackcloth and ashes'. Bhiodh tagradh an aghaidh peanas a' dol suas tron chlèir, tron t-seanadh agus mu dheireadh chun an Àrd-sheanaidh.

An siostam ceartais nuadh
Chaidh Cùirtean Mhaor Ceartais a stèidheachadh ann an 1609 gus mì-rian ionadail a rannsachadh, leithid ùpraidean no poidseadh. An dèidh seo chaidh iad nam pàirt de shiostam nan cùirtean siorraidh a bhiodh a' coimhead ri eucoirean beaga, mar eisimpleir aig Inbhir Pheofharain, Baile Dhubhthaich, Dòrnach agus Steòrnabhagh. Rinn uachdaranan seiribheis nan luchd-ceartais gun tuarastal le maoir-sìthe nan Luchd Cumail na Sìthe.

Cuideachd anns an t-16mh linn chaidh Cùirt an t-Seisein a thoirt a-staigh airson chùisean catharra agus Àrd-chùirt a' Cheartais airson eucoirean, 's iad le chèile air am maoineachadh leis a' Chrùn. Bidh Cùirt an t-Seisein a' suidhe ann an Taigh na Pàrlamaid (Dùn Èideann) agus 's i Cùirt an Ath-thagraidh. Bidh an Àrd-chùirt a' suidhe ann am bailtean fa leth a rèir 's mar a tha feum oirre, mar eisimpleir ann an Inbhir Aora, Peairt agus Inbhir Nis. 'S i bhios a' làimhseachadh nan eucoirean as miosa, mar mhurt agus èigneachadh.

Chaidh siostam nan èisteachdan cloinne a chur air bhonn fo Achd Obrach Shoisealta (Alba) 1968, a chaidh ùrachadh on uair sin le Achd Chloinne (Alba) 1995. Bidh e a' dèiligeadh ri eucoirich òga tro Phanalan Chloinne.

Chaidh feachdan poilis shiorrachdan a stèidheachadh agus a mhaoineachadh le coimiseanairean solair bho 1857 agus le comhairlean nan siorrachdan an dèidh 1890.



BIBLIOGRAPHY

If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - Check Highland Libraries' Catalogue


Atlas of Scottish history to 1707 Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd


The Oxford companion to Scottish history Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Walker, David M.
The Scottish legal system Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Faigh tuilleadh leabhraichean mu lagh agus òrdugh

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village