Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Clann nighean na h-àrd Sgoile, 1875 le Mgr. MacFhionnlaigh

society

Foghlam





Às dèidh an Ath-leasachaidh ann an Alba ann an 1560, thuirt Iain Knox, a bha os a chionn, gum bu toigh leis sgoil fhaicinn anns gach sgìre san dùthaich. Cha tàinig a rùn gu buil air Ghàidhealtachd ge-tà gus às dèidh Achd Foghlaim 1696. Bha gainned thidsearan na thrioblaid agus bha e na bu duilghe buileach measadh a dhèanamh orra air feadh choimhearsnachdan sgapte dùthchail.

Ullachadh ro 1872
Às dèidh Blàr Chùil Lodair (1746) thàinig a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan fo smachd dhìreach an Riaghaltais. O sin a-mach bha foghlam foirmeil ri bhith ann am Beurla, fiù 's anns na sgìrean far an robh Gàidhlig ga bruidhinn. Bha leabhraichean sgoile gann agus cha robh gin idir anns a' Ghàidhlig. Ann an sgìrean dùthchail bha sgoiltean a bharrachd ann a chaidh a stèidheachadh le comainn carthannais agus an Eaglais Shaor às dèidh 1843.

Foghlam Bunasach (Bun-sgoile) às dèidh Achd 1872
Thug Achd Foghlaim (Alba) 1872 foghlam èigneachail a-staigh airson clann eadar 5 agus 13 ged a bha cosgaisean ri phàigheadh suas gu 1890. Lean an gainnead thidsearan agus nochd duilgheadasan ann an sgìrean far an do dh'fheuch tidsearan gun Ghàidhlig clann gun Bheurla a theagasg. Dh'fhaodadh sgoilear-thidsearan ceum a thoirt a-mach a-rithist às dèidh dhaibh Colaiste Trèanaidh Thidsearan a fhrithealadh.

Rinn Bùird Sgoile ionadail cinnteach gun robh sgoiltean gu leòr air an togail agus gun robh clann a' dol thuca. Às dèidh 1918 thuit an t-uallach seo air an t-Siorramachd. Fo smachd na stàite dh'èirich an àireamh de luchd-sgrùdaidh sgoiltean às dèidh 1872. Thòisich sgrùdaidhean slàinte agus fhiaclan ann an 1908, ged a bha e doirbh ruigheachd air na sgoiltean iomallach.

Foghlam Àrd-sgoile
Chaidh aois fàgail na sgoile àrdachadh gu 14 ann an 1883. An toiseach cha robh ach bailtean na bu mhotha a' toirt seachad foghlam àrd-sgoile agus bha cosgaisean ri phàigheadh. Às dèidh 1918 bha cosgaisean siubhail no cuibhreann airson àite-fuirich ri fhaighinn airson sgoilearan comasach bho sgìrean dùthchail a bha a' cur feum air foghlam àrd-sgoile. Dh'fhaodadh sgoilearan bursaraidh a bhuannachadh cuideachd. Bha ostailean ceangailte ri na sgoiltean ann am Port Rìgh, Inbhir Pheofharain, Inbhir Nis, Goillspidh, Dòrnach agus An Gearasdan.

Ann an 1945 chuir Achd an Fhoghlaim aois fàgail na sgoile suas gu 15. Bha foghlam àrd-sgoile a-nis ri fhaotainn saor 's an-asgaidh le clann uile. Chaidh aois fàgail na sgoile suas gu 16 ann an 1972.

Feuman Sònraichte Foghlaim
Chaidh sgoil a stèidheachadh ann an Inbhir Nis ann an 1926, agus tèile ann an Siorrachd Rois ann an 1955, airson clann le duilgheadasan ionnsachaidh.

Ullachadh airson Gàidhlig
B' ann dìreach anmoch anns na 1980an a bha foghlam bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaotainn ann an sgoiltean sònraichte. Thàinig foghlam Gàidhlig àrd-sgoile greis às dèidh sin. Tha dòighean-conaltraidh ùra a' cuideachadh gus foghlam Gàidhlig a leudachadh a-mach tro obair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (air a bheil Institiùd OGE nam Mìle Bliadhna a-nis). Air làrach an Eilein Sgitheanaich, Sabhal Mòr Ostaig, 's e a' Ghàidhlig an cànan a tha air a chleachdadh.



BIBLIOGRAPHY

If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - Check Highland Libraries' Catalogue

Rea, Frederick G
A School in South Uist Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Stewart, Katharine
A School in the Hills Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Withers, Charles W. J.
Gaelic Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Withrington, Donald J.
Going to School Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Inverness Field Club
Loch Ness and Thereabouts Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Inverness Society for the Education of the Poor in the Highlands
Moral Statistics of the Highlands and Islands of Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Scotland, James
The History of Scottish Education Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Faigh tuilleadh leabhraichean mu fhoghlam

Faigh tuilleadh leabhraichean mu sgoiltean

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village