Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
HMS Volunteer

society

Cogadh



 Buill airm & Armachd


Bha an-còmhnaidh feachd de shaighdearan proifeiseanta làn-ùine aig rìghrean na h-Alba; phàigh na h-ìochdarain aca air an son. Nuair a bhiodh feum air ged-tà, dh'fhaodadh gach fear eadar 16 agus 60 a bhith air a ghairm gus dìon a chur air an rìoghachd fad 40 latha. Cha robh muinntir na Gàidhealtachd saor bho seo agus bha iad an sàs ann am batail leithid Allt a' Bhonnaich (1314) agus Flodden (1513).

Cogadh eadar cinnidhean
Bha a' Ghàidhealtachd na sgìre mhì-rianail fad ùine mhòir agus bha an-còmhnaidh cunnart ann gum biodh sabaid eadar cinnidhean suas gu 1746. Mar bu trice b' ann mu chòraichean fearainn a bha an t-sabaid. B' ann air sgàth fearann a bha a' dol le Iarlachd Rois a bha Cath Gairbheach ann an 1411. Thug Tighearna nan Eilean dùbhlan don Rìgh - agus chaill e.

Bha Blàr na Pàirce (mu 1490) cuideachd air sgàth an aon fhearainn, ach b' e beum a bu leth-sgeul dha. Rinn Coinneach MacChoinnich tàire air Iain Dòmhnallach Ìle le bhith a' tilleadh na h-ìghne aige - 'bean air leth-shùil, air each air leth-shùil, le sgalag air leth-shùil agus cù air leth-shùil'.

Buill-airm
B' ann làmh ri làimh bu mhotha a bha an t-sabaid 's mar sin bhiodh an claidheamh mòr, targaid agus biodag air an cleachdadh gu cunbhalach ach bha bogha agus saighead air an cleachdadh le èifeachd mhòr cuideachd - phinnich Dòmhnall Odhar agus a bhràthair Iain creachadairean Cloinn MhicLeòid ri crann na bìrlinn aca aig Leac-na saighead, Geàrrloch. San 17mh linn bha a' mhusg agus an daga air nochdadh, ged nach robh gunnaichean-mòra aig na Gàidheil.

Na Rèiseamaidean Gàidhealach
B' e a' chiad rèiseamaid Ghàidhealach ann an arm Bhreatainn am Freiceadan Dubh a chaidh a stèidheachadh ann an 1725; thàinig feadhainn eile an dèidh seo - Feachd Earra-Ghàidheal is Chataibh, Na Camshronaich agus Saighdearan Gàidhealach na Banrigh. Tha iad uile air seirbheis fìor chliùiteach a thoirt ann an àitean thall 's a-bhos; 's dòcha an gnìomh a b' ainmeile 'loidhne thana dhearg' saighdearan Earra-Ghàidheal is Chataibh a chuir stad air ionnsaigh marc-shluagh na Ruis aig Balaclava.

An Gàidheal aig muir
Thog an nèibhidh fir bhon Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan anns an dà Chogadh Mhòr. Bha mòran a' sabaid aig Blàr Jhutland (Cèitean 1916). Gu dearbh tha ceangal làidir eadar an nèibhidh agus a' Ghàidhealtachd. Bha Scapa Flow agus Caolas Chrombaidh le chèile air an cur gu feum leis a' Chabhlach Mhòr sa Chogadh Mhòr. San Dàrna Cogadh b' ann à Loch Iùbh a dh'fhàg na Luing-dhion Ruiseanach; an-diugh, tha ionad NATO ann agus tha bàtaichean-aigeil niùclasach anns a' Gheàrr Loch.

. . . agus san adhar
Tha an RAF air dlùth-cheangal a dhèanamh ris a' Ghàidhealtachd anns na bliadhnachan mu dheireadh. Tha Cinn Lois agus Inbhir Losaidh nan ionadan adhair mòra agus tha Steòrnabhagh agus Machaire Shanais air an cur gu feum airson eacarsaichean NATO. Tha raointean bomaidh aig Baile Dhubhthaich agus aig A' Pharbh. 'S e cruth-tìre sònraichte math a th' aig a' Ghàidhealtachd airson eòlas a chur air a bhith ag itealaich gu h-ìosal.



BIBLIOGRAPHY

If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - Check Highland Libraries' Catalogue

Hopkins, Paul
Glencoe and the End of the Highland War Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Campbell, J. L.
Highland Songs of the 'Forty-Five Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd


New Penguin History of Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Lynch, Michael
Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Ferguson, William
Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd


The Oxford Companion to Scottish History Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Henderson, Diana M.
The Scottish Regiments Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Gaelic Society of Inverness
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
Vol 29, 1914-19, pp67-80, Mackay, D. N. 'Clan Wars in the Highlands'

Gaelic Society of Inverness
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
vol 30, 1919-22, pp267-85 Mackay,William 'The Battle of Harlaw: its true place in history'

Gaelic Society of Inverness
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
Vol 34, 1927-28, pp280-313, Galbraith, J.G 'The Battle of Glenshiel'

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village