
Do dh'Albannaich, co-dhiù tha iad aig an taigh no thall thairis, tha am facal cinneadh no 'clan' a' dùsgadh faireachdainn gum buin iad, gu bheil ionannachd aca. 'S e seo an ceangal ri freumhaichean duine. Cò às a thàinig am facal 'clan' ma-thà?
An cinneadh
Tha freumh na mòr-chuid de chinnidhean no 'clans' a' dol air ais gu na meadhan-linntean. Tha am facal 'clan' a' tighinn bhon Ghàidhlig, clann. A thaobh ceann-cinnidh, chan e mhàin a shliochd fhèin a bha nan cloinn dha ach cuideachd an làn-theaghlach, searbhantan agus feadhainn eile san dachaigh aige. Bhiodh làn-theaghlach a' chinn-chinnidh a' co-obrachadh le teaghlaichean eile nam beatha làitheil, agus mar sin bha an dàimh eatorra a' neartachadh. Ghabhadh iad com-pàirt ann an deas-ghnàthan creideimh agus bhiodh an teaghlaichean ag eadar-phòsadh.
An ceann-cinnidh
Bha dreuchd a' chinn-chinnidh a' ruith san teaghlach, a' dol sìos na loidhne fhireann a thàinig gu dìreach bhon chiad cheannard. Bha mothachadh air dleastanas pearsanta agus seirbheis ag aonachadh a' chinn-chinnidh agus an teaghlaich aige ris an luchd-cinnidh, agus an luchd-cinnidh ris a' cheann-chinnidh. Chuir an ceann-cinnidh dìon air a shluagh agus an cuid fearainn. Dhan taobh-san dheth, thug an luchd-cinnidh biadh, crodh, màl, saothair agus taic armailteach dhan cheann-chinnidh.
Fearann a' chinnidh
Bha e air a chreidsinn gum b' ann leis an luchd-cinnidh a bha am fearann air an robh iad a' fuireach, gu robh còir-seilbhe aca air o shean; sheas am beachd sin a-steach dhan 18mh linn. Cha do chuir seo stad air cinnidhean eile bho bhith a' tagradh airson fearann, gu h-àraidh nuair a thigeadh briseadh air an loidhne fhireann. B' e a' chonnspaid a b' ainmeile dhiubh sin an tagradh a rinn MacDhòmhnaill, Tighearna nan Eilean, airson Iarlachd Rois; thugadh buaidh air mu dheireadh aig Cath Gairbheach ann an 1411.
Crìonadh a' chinnidh
Chaidh an dleastanas a bh' ann 'cogadh airson a' chinn-chinnidh' a chur an sàs gu tric san t-17mh linn gus taic a thoirt do strì air sgàth poileataigs agus creideamh. Ann an àr-a-mach nan Seumasach chaidh cumhachd armailteach a' chinnidh a chur gu feum le èifeachd mhòr. Air sgàth sin chuir an riaghaltas romhpa gach mìr de shiostam a' chinnidh a bhriseadh an dèidh call nan Seumasach aig Cùil Lodair. Ri linn sin, agus mar a bha an dòigh-beatha ag atharrachadh san 18m linn, bha na cinn-chinnidh barrachd is barrachd a' faicinn an cuid fearainn mar nì eaconamach seach dualchasach agus thàinig iad gu bhith nan tuathanaich agus nan uachdarain.
If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - ![]()
Dodgshon, Robert A.
From chiefs to landlords
Clyde, Robert
From rebel to hero
Faigh tuilleadh leabhraichean mu chinnidhean
Houston, R.A. and Whyte, Ian (eds)
Scottish society 1500-1800
Cambridge: Cambridge University Press, 1989.
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: