Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Am buntàta a'fàs

economy

Àiteachas





Bha pàirt mòr aig eachdraidh ann a bhith a' cumadh tuathanachas air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, an toiseach tro shiostam a' chinnidh, an uair sin tro na fuadaichean agus mu dheireadh tro chroitearachd.

Mhair siostam nan cinnidhean air Ghàidhealtachd suas chun an t-17mh linn. Bha am fearann air a ghleidheadh gu coitcheann agus bha na fir-cinnidh ag àiteach an cuid fearainn gus biadh a chumail riutha fhèin 's an teaghlaichean. Bha dìlseachd làidir dhan chinneadh gan ceangal ri chèile.

An dèidh do na Seumasaich call aig Cùil Lodair ann an 1746, bhris siostam nan cinnidhean. Bha sealbh aig daoine air fearann a-nis fo lagh fiùdalachd an àite nan seann chòraichean coitcheann air fearann. Thàinig na cinn-chinnidh gu bhith nan uachdarain agus thòisich iad air raointean mòra fearainn a thoirt air mhàl do dh'fhir-taca, am prìomh luchd-gabhaltais aca. Bheireadh iadsan an uair sin fearann air mhàl do dh'fho-mhàladairean. Thàinig an còrr dhen t-sluagh gu bhith nan coitearan gun fhearann idir.

Tuathanachas an 19mh linn
Mar a dh'èirich àireamh an t-sluaigh tràth san 19mh linn, chuir seo cuideam air an fhearann. Dh'fheumadh barrachd bìdh a bhith air fhàs. Chaidh na màil suas is na h-Oighreachdan a' strì ri prothaid nas motha a dhèanamh le bhith a' tòiseachadh air tuathanachas chaorach. Chaidh na màladairean fhuadach dhan oirthir gus àite a dhèanamh do chaoraich. Rinn na h-uachdarain lotan beaga dhaibh ris an canar croitean, ach cha robh còir-gabhaltais aig na croitearan ùra. Fhuair mòran dhiubh obair a' buain ceilp agus ag iasgach.

Rinn Gort a' Bhuntàta ann am meadhan an 19mh linn cùisean na bu mhiosa agus rinn mòran dhaoine eilthireachd. Thòisich na croitearan air strì a dhèanamh airson còraichean laghail air an fhearann air an robh iad a' crochadh agus thàinig an iomairt gu buil le Achd nan Croitearan ann an 1886. Thug seo dìon dhaibh bho fhuadachadh le còir-gabhaltais.

Tuathanachas an-diugh
Tha àiteachas fhathast ro chudromach do dh'eaconamaidh na Gàidhealtachd. Tha am pàtran cleachdadh fearainn a chaidh a chur a-mach san 18mh agus san 19mh linn a' leantainn; tòrr aonadan beaga air an ruith pàirt-ùine agus nas lugha de dh'aonadan mòra làn-ùine.



BIBLIOGRAPHY

If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - Check Highland Libraries' Catalogue

Devine, T. M.
Clanship to Crofters' War Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Thompson, Francis
Crofting Years Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Mackenzie, John
Pigeon holes of memory Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd


The Companion to Gaelic Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Faigh tuilleadh leabhraichean mu àiteachas

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village