Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Scottish Midland Co-operative Society, Inbhir Nis

economy

Malairt



 Bancaichean is Buidhnean Ionmhais
 Leabhraichean-seòlaidh
 Margaidean
 Reic
 Bùithtean
 Malairt
 Taighean stòir


Malairt
Thug malairt don Ghàidhealtachd na rudan nach cruthaicheadh i fhèin. Ged a bha gnìomhachasan ann am bailtean na bu mhotha, bha malairt na Gàidhealtachd stèidhte gu h-àraid air toradh na talmhainn agus na mara. Bhiodh luchd-malairt Gàidhealach a' dèanamh iomlaid eadar am bàrr, na craiceannan agus an t-iasg aca agus sòigh mar fhìon, aodach mìn agus salann, le luchd-ceàird bho air feadh na Roinn Eòrpa

Talamh
Bha toradh na talmhainn fìor chudromach. Thug dròbhairean an crodh beag dubh gu deas airson an reic. Chaidh aodach clòimhe garbh a bha coltach ris a' Chlò Mhòr (Clò Hearach) an sin cuideachd. Bha coirce agus eòrna air am fàs airson na daoine a bhiadhadh, ach ann an sgìrean de Shiorrachd Pheairt bha gu leòr air fhàs airson a reic taobh a-muigh na Gàidhealtachd. Bha fiù 's bian fhiadh-bheathaichean a' dol dhan Roinn Eòrpa. Chaidh fiodh a reic aig deas airson togail-bhàtaichean; chaidh a chur air fleòdradh sìos lochan agus aibhnichean chun na mara agus às an sin chaidh a thoirt le bàta dha cheann-uidhe.

Bha malairt ionadail cudromach cuideachd. Bhiodh fir-cinnidh a' reic am bàrr ri luchd-malairt sna bailtean, ach an ceannaicheadh iad na rudan a bha a dhìth orra - 's dòcha gunnaichean, dagaichean, claidheamhan, agus biadh nuair a bha sin gann. Bha luchd-malairt fiù 's ann an tuineachaidhean beaga. Bha craobhan air an leagail airson connadh agus airson togalaichean agus bàtaichean a thogail.

Am Muir
B' e toradh an iasgaich aon de na rudan bhon Ghàidhealtachd bu mhotha air an robh fèill. An toiseach bhiodh na bàtaichean ag iasgach faisg air an tìr, ach leasaich cùisean gu luath agus chaidh bàtaichean na bu mhotha a chur gu feum airson a bhith ag iasgach na b' fhaide bhon tìr. Ri linn seo chaidh Steòrnabhagh agus Ulapul a thogail mar phuirt iasgaich. Aig Bad a' Chròtha ann an Rois an Iar bha iomadh stèisean iasgaich an sàs ann an tiormachadh agus sailleadh truisg airson às-mhalairt. Thàinig bàtaichean cuideachd às an Òlaind a dh'iasgach.

Bha glacadh bradain ann an lìon cudromach cuideachd, gu h-àraid airson Inbhir Nis. Chaidh am bradan a chur ann am baraillean agus a chur gu deas (car mar a bhios tuathanas bradain ag obrachadh an-diugh). Bha feamainn air a cruinneachadh airson ceilp a dhèanamh. Bha i air a tiormachadh 's air a losgadh agus bha an luath air a cleachdadh ann an dèanamh glainne agus siabainn.

Gnìomhachas/mèinnearachd
Thug mèinnearachd luaidhe agus leaghadh iarainn meatailt do luchd-ceàird nam bailtean airson innealan tuathanais, cruidhean eich, luaidhe airson mhullaichean agus connadh-gunna.

Bha gual air a chladhach ann an Cataibh agus air a chleachdadh ann an obair mheatailt. Thug cuaraidhean sglèata dhaibh stuth eile airson mhullaichean agus chaidh sglèatan Bhaile Chaolais agus Eisdeil a chur air feadh na Gàidhealtachd.

Mar sin, ged nach robh uiread sin de mhalairt air Ghàidhealtachd, bha i fhathast na pàirt chudromach den eaconamaidh.



BIBLIOGRAPHY

If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - Check Highland Libraries' Catalogue

Youngson, A. J.
After the Forty-five Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Mowat, Ian R. M
Easter Ross Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Grant, I. F.
Periods In Highland History Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Gray, Malcolm
The Highland Economy Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village