Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Bile togail Shaighdearan airson Mailisidh Inbhir Nis

economy

Buaidh cogaidh



 Buaidh cogaidh
 Cogadh Napoleon
 A' Chiad Chogadh
 An Dara Cogadh


Bho Chogaidhean na Croise chun a' Chogaidh Fhuair tha eaconamaidh na Gàidhealtachd air call agus air buannachadh bho obair armailteach.

Ann an 1248 dh'òrdaich Cunnt an Naoimh Phòil ann am Flanders soitheach ann an Inbhir Nis, a sheòladh gu Cogaidhean na Croise. Gu math na b' anmoiche ghabh Cromwell cothrom air stòrasan beartach fiodha agus sgilean ionadail, nuair a dh'òrdaich e gum biodh long-chogaidh luath ga togail airson a bhith a' cuairteachadh Loch Nis.

Is fhada on a tha saighdearan-duaise bhon Ghàidhealtachd air a bhith a' dol a-null thairis. Mar eisimpleir, air feadh Cogadh nan Deich Bliadhna Fichead (1618-48), bha 46 oifigear aig na Rothaich a-mhàin ann an Arm na Suain.

An dèidh Ar-a-mach nan Seumasach
An dèidh Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715 agus 1745 stèidhich an Riaghaltas gearastain (Dùn Deòrsa, Cille Chuimein agus An Gearasdan) agus Ionad Shaighdearan Ruadhainn aig Cinn a' Ghiùthsaigh. Bha Seanailear Wade os cionn togail rathaidean armailteach agus dhrochaidean a chuir gu mòr ri bunstructar na Gàidhealtachd. Ghabh Seanailear Roy os làimh a' chiad sgrùdadh mapa mionaideach air a' Ghàidhealtachd, a bha na bhunait don Tomhas-riaghaltais.

An dèidh Ar-a-mach '45, dh'fhaodadh na cinn-chinnidh Ghàidhealach a bha ceannairceach an cuid ionmhais fhaighinn air ais le bhith a' togail rèiseamaidean dhan Chrùn. Bha rèiseamaidean nam Frisealach agus nan Camshronach a' sabaid ann an Cogaidhean Ameireaga agus Napòleon

Dhùin margaidean air sgàth Cogaidhean Napòleon, agus bhrosnaich seo gnìomhachas buannachdail aig an taigh far an robh ceilp air a giullachd airson a cleachdadh ann an siabann 's ann an glainne. Chuidich seo le cosgaisean thogalaichean brèagha leithid Caisteal Armadail.

Na Cogaidhean Mòra
Thug an rèis-armachd ron Chogadh Mhòr luing-chogaidh agus gnìomhachas mòr gu Caolas Chrombaidh. Ach rinn call ana-mhòr air a' Western Front sgrios uabhasach air coimhearsnachdan beaga Gàidhealach, a' toirt bhuapa am fir òga. Bha làn mòr-choilltean (Obar Neithich, Toirbheartan) air an leagail airson bogsaichean connadh-gunna a dhèanamh.

Thug an Dàrna Cogadh togail do dh'obair ro-innleachdail an alùmanuim. Chaidh bomaichean a leagail air an fhactaraidh ann am Foithir. Rinn A.I. Welders ann an Inbhir Nis innealan airson a bhith a' dèanamh PLUTO (Pipe Line Under The Ocean), a' phìob fon mhuir tron tàinig connadh airson ionnsaigh a thoirt air Normandy. B' e Loch Iùbh an t-ionad airson luing-dhìon na h-Artaig; anns na 1960an chaidh a thionndadh na ionad NATO le goireasan mòra airson luchdachadh connaidh a thog companaidh Logan on Bhlàr Dhubh.

An Cogadh Fuar
Am measg na bha Ministreachd an Dìon a' dèanamh air rè a' Chogaidh Fhuair bha ionad ann am Beinn a' Bhaoghla; raointean losgaidh ann an Ros an Ear agus Cataibh a Tuath agus stèisean-rabhaidh tràth aig Unst ann an Sealtainn. Tha iad sin, mar a rinn gearastain nàimdeil agus càirdeil san àm a dh'fhalbh, air cur gu mòr ri eaconamaidh nan sgìrean anns an robh iad.



BIBLIOGRAPHY

If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - Check Highland Libraries' Catalogue

Inverness Field Club
Hub of the Highlands Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Darling, Frank Fraser
The Highlands and Islands Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Hunter, James
The Making of the Crofting Community Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Houston, R. A.
The New Penguin History of Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Ash, Marinell
This Noble Harbour Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village