Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Taigh-òsta Loch Aillse, Caol Loch Aillse

economy

Turasachd



 Àite fuirich
 A' Bhanrigh Victoria
 Turasachd [Measgachadh]


Gun teagamh, tha a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan aig cridhe gnìomhachas turasachd na h-Alba. Ach cha robh e an-còmhnaidh mar sin.

Tràth-làithean turasachd
Ron 18mh linn bha sgìrean bheanntan air am faicinn mar fhàsaichean dèisinneach agus borb, 'horrid and rude'. Ach fiù 's an uair sin bha corra neach-tadhail air tòiseachadh air ùidh a thogail anns an t-sìth agus an àilleachd a bha sgìrean bheanntan a' tairgsinn. Sgrìobh Wordsworth gu blàth mu Sgìre nan Loch ann an ear thuath Shasainn, mar a rinn Boswell agus MacIain, Màrtainn Màrtainn agus Tòmas Pennant mun Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. Chaidh ùidh a thogail cuideachd ann an eachdraidh na Gàidhealtachd le sgrìobhaichean leithid Shir Bhaltair Scott.

Linn Bhictòria
B' ann a-mhàin nuair a roghnaich a' Bhanrigh Bhictòria saor-làithean a chur seachad aig Baile Mhoireil, ged-tà, a thòisich a' Ghàidhealtachd a bhith measail aig luchd-turais. An uair sin bha an rèile a' fosgladh na Gàidhealtachd suas le siubhal furasta, cofhurtail. Bha bailtean turasachd, mar Dhòrnach agus Inbhir Nàrann, a' fàs gu luath air a' chosta. Dh'fhàs e fasanta a bhith 'a' gabhail nan uisgeachan' agus dh'fhàs bailtean spà, mar eisimpleir Craoibh, Baile Chloichridh agus Srath Pheofhair. Bha luchd-turais air am brosnachadh gus seallaidhean eadar-dhealaichte a shireadh agus dùr-amharc orra, mar eisimpleir Sealladh na Banrigh aig Loch Teimhil.

Ìomhaigh Harry Lauder!
Rinn Talla Ciùil an 19mh linn an dà chuid feum agus cron a thaobh turasachd na Gàidhealtachd leis an dealbh a rinn e de dh'Alba le tartan, taigeis, Uilebheistean Loch Nis, ceò Albannach agus meanbh-chuileagan. Thug seo gnàth-ìomhaigh don sgìre agus on uair sin tha e air buaidh a thoirt air mar a bhios na meadhanan (sanasachd, dràma telebhisein) a' faicinn na Gàidhealtachd.

Na tha a' Ghàidhealtachd a'tairgsinn don luchd-turais.
Ach tha a' mhòr-chuid de luchd-turais à thall-thairis air am bualadh leis na th' ann de sheallaidhean eireachdail eadar-dhealaichte air Ghàidhealtachd. Càite eile am faigh luchd-turais mìltean de thràighean neo-thruaillte leithid tràighean na Hearadh; tur-mòralachd nam beann os cionn Gleanna Comhann, Gleann Seile no Gleann Toirbheartan; air neo iomadachd fiadh-bheatha a tha toirt a-staigh na h-iolaire buidhe, fèidh, bèist-dhubh agus bradan?

Bidh sealgairean agus iasgairean fhathast a' tighinn gu tuath airson an spòrs sithinn as fheàrr a th' ann, ged a tha a' mharagaidh seo air crìonadh anns na bliadhnaichean mu dheireadh. An-diugh 's e an cultar Gàidhlig, biadh, fàsach agus sloinntearachd a bhios a' taladh mòran luchd-turais, gu h-àraidh à Ameireaga a Tuath.

Turasachd - càite a-nis?
Tha cho iomallach 's a tha a' Ghàidhealtachd agus cho caochlaideach 's a tha an aimsir le chèile a' toirt buaidh air àireamhan luchd-turais. Tha gnìomhachas na turasachd ràitheil agus tha tuarastail na lùib air am meas ìseal. Tha an gnìomhachas mothachail air uallaichean sòisealta a th' air agus uallaichean mun àrainneachd. Anns na raointean sin uile tha buidhnean turasachd ag obrachadh gu cruaidh gus leasachaidhean a dhèanamh, mar eisimpleir, le bhith a' toirt taic do dheagh chleachdadh. Tha gnìomhachas na turasachd a' tuigsinn glè mhath gu bheil feum air co-obrachadh le gach buidheann eile le ùidh shònraichte a tha na lùib.



BIBLIOGRAPHY

If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - Check Highland Libraries' Catalogue

Gold, John R.
Imagining Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd


Tourism - The Way Forward Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd


Annals of Tourism Research
1985, no 12, pp371-391, Butler, Richard 'Evolution of Tourism in the Scottish Highlands'


Scottish Affairs
3, Spring 1993, pp. 23-31 MacArthue, Mhairi 'Blasted Heaths and Hills of Mist: the Highlands and Islands through travellers' eyes'

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village