Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
A' tarraing a-steach lìn-iasgaich nam bradan, Abhain Nis, inbhir Nis, 1950an

economy

Iasgach





Sna h-amannan tràth
Bho na h-amannan as tràithe bha iasg na phàirt cudromach de bhiadh a' Ghàidheil. Tha fuigheall charaidhean, far am biodh iasg air an glacadh, fhathast ri fhaicinn mu na cladaichean againn. Dh'fhàs malairt ann an iasg gu math tràth ann an cuid de bhailtean mar Inbhir Nis. Bhiodh mòran bhradan air an toirt à abhainn Nis, air an cur ann am baraillean agus air an cur thall thairis.

Bha iasgach air a' Chosta an iar a' toirt trosg agus sgadan do mhuinntir an àite. Thigeadh bàtaichean bhon Òlaind a dh'iasgach an sgadain. An dèidh 1599 chaidh oidhirpean a dhèanamh gus iasgach an sgadain a leasachadh agus thogadh Steòrnabhagh mar phort.

Atharrachaidhean an 19mh linn
Chaidh Comann Iasgach Bhreatainn a stèidheachadh anmoch san 18mh linn gus an gnìomhachas a chuideachadh. Chaidh barrachd sheòrsaichean de bhàtaichean math mara a thogail, m.e. am Fifie agus an Zulu. Chaidh leasachadh a dhèanamh air linn, acfhainn agus dòighean iasgaich. Chaidh Tobar Mhoire agus Ulapul a stèidheachadh mar eisimpleirean de phuirt iasgaich.

Leis gun deach coimhearsnachdan slàn a ghluasad dhan Chosta an iar air sgàth nam Fuadaichean, thionndaidh iomadach croitear chun na mara airson bith-beò a dhèanamh. Air a' Chosta an ear chaidh calachan ùra, leithid Port Chnocaidh, Inbhir Nàrann agus Bun Ilidh, a thogail. Dh'fhàs bailtean iasgaich gu bhith nan coimhearsnachdan fìor dhlùth agus teaghlaichean slàn an sàs anns a' ghnìomhachas. Leanadh boireannaich na b' òige na bàtaichean agus an sgadan timcheall a' chosta, a' cutadh agus a' sailleadh, fhad 's a bhiodh boireannaich na bu shine a' dol a-steach air an dùthaich a reic an cuid èisg.

Iasg air a' chlàr-bidhe
Dhaibhsan air a' chosta bha iasg ùr an-còmhnaidh ri fhaighinn; ach dhaibhsan a-staigh air an dùthaich dh'fheumadh a' mhòr-chuid den iasg a bhith air a shailleadh, air a thiormachadh no air a rèisgeadh. Thàinig sgadan saillte agus buntàta gu bhith na phrìomh bhiadh aig mòran chroitearan. Bha trosg saillte tioram air a chur a-mach gu ceann a deas Shasainn. Bha iasg eile, mar am bradan agus am brreac, air a chur gu feum cuideachd.

Èiginn ann an iasgach
An-diugh, tha èiginn ann an gnìomhachas an iasgaich. Tha bàtaichean nas motha, dòighean iasgaich nas fheàrr agus fosgladh nan uisgeachan do bhàtaichean cèin uile a' ciallachadh gun deach cus iasgaich a dhèanamh. Tha mòran choimhearsnachdan iasgaich a' faireachdainn gu bheil iad ann an suidheachadh cugallach. Tha fiù 's gnìomhachas nan tuathan-èisg a' strì an aghaidh bradan nas saoire a tha a' tighinn à Nirribhidh. Ach cha robh daoine riamh cho measail air biadh mara agus tha creachainn, muasgain-chaola, bas-mara, giomach agus bradan rèisgte air a' chlàr-bidhe.



BIBLIOGRAPHY

If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - Check Highland Libraries' Catalogue

Dunlop, Jean
The British Fisheries Society Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd


The Companion To Gaelic Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Gray, Malcolm
The Fishing Industries Of Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Steven, Maisie
The Good Scots Diet Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Gunn, Neil M
The Silver Darlings Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Faigh tuilleadh leabhraichean mu iasgach

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village