
Tha èideadh Gàidhealach air atharrachadh gu mòr o na làithean anns am biodh e air na fir-cinnidh a-muigh air a' mhòintich; tha e a-nis na shamhla a bhios a' faighinn aithne agus spèis air feadh an t-saoghail.
Am Fèileadh Mòr
Thòisich am fèileadh as aithne dhuinn an-diugh mar am Fèileadh Mòr no am breacan filleadh. Bha e air a dhèanamh à aon phìos aodaich, air fhilleadh mun mheadhan agus air a cheangal le crios trom. Leigeadh seo le duine gluasad gun bhacadh sa chath, ach dhèanadh e cleòc no plaide airson fasgadh.
Am Fèileadh Beag
Ann an 1725, dh'atharraich Tòmas Rowlinson aodach an luchd-obrach aige gus èifeachdas an ionaid-iarainn aige ann an Gleanna Garadh a leasachadh. A' cleachdadh earrann ìosal an fhèilidh mhòir a-mhàin, chaidh na fillidhean fhuaigheal agus bha iad air an cumail le crios agus bucall. Sin mar a chaidh am Fèilleadh Beag as aithne dhuinn an-diugh a chruthachadh.
Às dèidh Chùil Lodair ann an 1746 bha am fèileadh air a chasg air Ghàidhealtachd suas gu 1782, ach anns na rèiseamaidean Gàidhealach. Bha na rèiseamaidean Gàidhealach cliùiteach air sgàth gaisgeachd an saighdearan ann an seirbheis na h-Ìompaireachd. Anns a' Chogadh Mhòr thug na saighdearan Gearmailteach 'Na leadaidhean à Ifrinn' air na Gàidheil.
Èideadh mhnathan Gàidhealach
San àm a dh'fhalbh bhiodh arasaid - cleòc gu an casan le curracag, air a chruinneachadh aig a' mheadhan 's air a cheangal le crios - air mnathan Gàidhealach. Bha e air a dhèanamh à clòimh nach deach a dhath. Bidh èideadh Gàidhealach feasgair airson mhnathan an-diugh a' cleachdadh sìmplidheachd eireachdail na dreasa gil, còmhla ri sròl tartan.
Èideadh Gàidhealach air a dhèanamh fasanta
Ann an 1882 rinn Sir Bhaltair Scott èideadh Gàidhealach fasanta airson cuirm-fàilteachaidh Rìgh Sheòrais IV ann an Dùn Èideann. Thàinig èideadh Gàidhealach gu bhith na èideadh nàiseanta aig Alba. Tha tartain Chinnidhean a' tighinn bhon àm seo.
If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - ![]()
Dunbar, John Telfer
History of Highland Dress
Faigh tuilleadh leabhraichean mu aodach
Hogsbawm, Eric and Ranger, Terence (eds)
The invention of tradition
Cambridge: CUP, 1983
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: