Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Bonn Dux bho Ùghdarras Foghlam Chataibh, 1962

culture

Breabadaireachd



 Breabadaireachd


Tha daoine air a bhith ri fighe air Gàidhealtachd na h-Alba agus sna h-eileanan fad còrr is dà mhìle bliadhna, agus tha dualchas na fighe air seasamh glè làidir fiù 's chun an là an-diugh. Ged nach eil an t-aodach air atharrachadh tro na linntean, tha an dòigh obrach air leasachadh on àm a tha fios againn a bha daoine an toiseach ri fighe ann an Alba ann an Linn an Iarainn.

'S e rùsgadh, càrdadh, snìomh, fighe agus luadh, na còig ceumannan mòra ann an dèanamh aodach a th' air fhighe. Chaidh na caoraich a rùsgadh le làimh sna seann làithean (agus an-diugh cuideachd uaireannan) agus chaidh a' chlòimh lom seo a chàrdadh le bùird le fiaclan iarainn orra gus am biodh na snàithlich dìreach agus gus am biodh a' chlòimh rèidh mus deigheadh a snìomh agus an uair sin a fighe. Sna fìor sheann làithean chaidh a' chlòimh a shnìomh le bhith a' cur dealgan le cuideam air gu feum. Bhiodh an dealgan a' crochadh sìos agus an cuideam aig a' bhonn agus bhiodh an cuideam a' cumail charan an dealgain a' dol agus a' snìomh na clòimhe ann an snàth fada toinnte a ghabhadh a chleachdadh. Às dèidh sin ghabh a' chuibhle-shnìomh àite an dealgain, cuibhle a chaidh a chur mun cuairt le gluasad na cois air dèile agus bha seo a' fàgail snìomh na clòimhe gu snàth gu math na bu luaithe dhaibh.

Aon uair 's gun deach snàth a shnìomh, bha e air a chur air beairt, deiseil airson fhighe. An toiseach, nuair a chaidh seo a dhèanamh le làimh, 's e 'plaideadh' a bhiodh ac' air a seo, agus dh'fhàgadh seo breacan le diofar dhathan de shnàth ann. 'S ann le bhith a' cumail nan snàthan a bha sìos is suas - an dlùth - gun ghluasad, agus a' cur nan snàthan tarsainn, a' chur, a tha na pàtranan seo a' nochdadh. 'S e obair fhada a th' ann an ceangal nan snàthan air a' bheairt oir feumaidh gach snàth dlùtha a bhith air a cheangal gu teann. Tha na snàthan cur an uair sin air am fighe a-mach 's a-steach os cionn agus fo na snàthan dlùtha gus am bi aodach fada air a dhèanamh. Coltach ris an t-snìomh, an toiseach 's ann le làimh a bha iad a' dèanamh na fighe, ach, an uair sin, nochd dèile-coise a dhèanadh fighe agus a-rithist nochd a' bheairt.

Tha aon cheum a bhiodh iad a' dèanamh leis an aodach a tha air a dhol à bith san dòigh a bhiodh ann roimhe, agus 's e sin an luadh. Sa cheum seo bhiodh iad a' bogadh an aodaich a bh'air ùr-fighe ann am maighstir làn ammonia, agus an uair sin bhiodh iad ga bhualadh gus an toireadh iad às an ola ghèireach a tha gu nàdarra ann an clòimh agus cuideachd gus am biodh iad a' teannachadh agus a' ceangal nan snàthan clòimhe. Bha luadh a' fàgail an aodaich nas tighe agus nas làidire agus a' cur stad air riobaladh no sgaoileadh nan oirean. Ged a bha an obair seo deatamach, 's e obair fhada a bh' innte a bha cuideachd mì-thlachdmhor le fàileadh nimheil, agus mar sin 's e obair bhoireannach a bh' ann, mar bu trice. 'S ann às an obair chruaidh seo, ge-tà, a thàinig dualchas phrìseil - na h-òrain luaidh. Dh'fheumadh an t-aodach a bhith air a bhualadh ri bòrd fad iomadh uair a thìde agus fhad 's a bhiodh iad ris a' bhualadh seo, bhiodh boireannaich na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' seinn òrain fhada Ghàidhlig gus an cuireadh iad seachad an ùine agus gus am biodh gach tè ag obair ris an aon bhuille. Bha na h-òrain seo ag innse mu bheatha sa bhaile, mu fhir air an robh iad eòlach agus na rudan a rinn iad, mu sheann sheòid an dualchais. Ged nach eil iad tuilleadh a' luadh le làimh, tha na h-òrain seo fhathast air an seinn agus tha iad nam pàirt luachmhor de dhualchas na Gàidhlig.

Ach gun teagamh, 's e an t-aodach fighte as ainmeile ann an Alba an Clò Mòr, (Clò Hearach), air an robh daoine glè dhèidheil tràth san 20 mh linn. Seach gun robh an t-aodach air a dhèanamh airson malairteach, bha e a' toirt seachad obair luachmhor sna h-eileanan, gu h-àraid sna 1920an nuair a chaidh an dèanamh a chur air innealan agus a bha na muilnean càrdaidh ga dhèanamh na bu luaithe agus na b' fhasa do dhaoine. Ged a tha tòrr de dh'obair a' Chlò an-diugh air a dhèanamh air innealan fèin-obrachachail, tha an fhighe no a' bhreabadaireachd fhèin fhathast air a dèanamh le làimh. Mar a tha a' bhileag oifigeil air gach nì air a dhèanamh de Chlò Mòr ag ràdh gu moiteil, tha an t-aodach 'Hand Woven Harris Tweed, Made in Scotland, from 100% Virgin Scottish Wool.'

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village