Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Taighean Tughaidh, Sràid Thom na h-Iùbhraich, Inbhir Nis

places

Togalaichean





Tha mòran sheann togalaichean cudromach sa Ghàidhealtachd, cuid dhiubh a tha sònraichte a thaobh ailtireachd, agus cuid eile a thaobh eachdraidh. Tha iad ann eadar caistealan bho na meadhan-linntean agus taighean-dubha, aitreabhan mòra Bhictòrianach agus carraighean poblach, cathair-eaglaisean agus dùin. Tha bailtean beaga is mòra na Gàidhealtachd a cheart cho eadar-dhealaichte, cuid dhiubh a thòisich anns na meadhan-linntean agus cuid a chaidh a dhealbh gus coinneachadh ri feuman agus fasanan linn Sheòrais agus linn Bhictòria.

Togalaichean Clàraichte
Tha mòran dhe na togalaichean seo air an clàradh mar 'buildings of special architectural or historic interest' agus tha iad a' faighinn dìon sònraichte fon Achd Dealbhachaidh (Alba) 1997. Tha togalaichean air an clàradh fo thrì cinn, a rèir 's dè cho cudromach 's a tha iad. An-dràsta tha 3,000 togalach air an clàradh sa Ghàidhealtachd, agus às an sin tha 5% aig Ìre A, 50% aig Ìre B agus 38% aig Ìre C.

Gu mì-fhortanach, chaidh mullaich cuid dhe na loidsichean seilg bhrèagha Bhictòrianach air feadh na Gàidhealtachd - mar eisimpleir Taigh Courthill faisg air Loch Carrann - a thoirt dhiubh gus reataichean fìor throm a sheachnadh agus chaidh an call mus tàinig an Achd gu bith.

Mar a tha 'clàradh' ag obrachadh
Tha an dìon a tha clàradh a' toirt do thogalach a' còmhdach an togalaich air fad, a-staigh 's a-muigh, ge brith dè an ìre a tha aige. Chan eil clàradh a' cur làn dìon air togalach, ach tha e a' ciallachadh nach eil e ceadaichte a leagail gun fhìor dheagh adhbhar, agus feumaidh gach atharrachadh agus leasachadh, cho fad 's a ghabhas sin dèanamh, bun-charactar an togalaich a ghleidheadh. Tha seo air a dhèanamh cinnteach le dòigh-obrach laghail ris an canar 'riaghailtean nan togalaich chlàraichte'.

Sgìrean Glèidhteachais
Canar 'sgìrean glèidhteachais' ri earrannan de bhailtean beaga no mòra air neo ri na bailtean slàn. Bidh sgìrean mar seo a' cur gu mòr ri dualchas na Gàidhealtachd oir tha iad sònraichte a thaobh ailtireachd no eachdraidh. 'S ann a tha e gu maith an t-sluaigh sealladh nan sgìrean a ghleidheadh no a sgeadachadh. Tha mu 600 sgìre glèidhteachais ann an Alba, 30 dhiubh air Ghàidhealtachd, eadar blàran, bailtean beaga iasgaich air a' chosta no bailtean beaga a-staigh air an dùthaich, agus earrannan farsaing de bhailtean mòra. Tha seann bhaile iasgaich Chrombaidh air fear dhiubh; agus cuideachd Sràid na h-Eaglaise ann an Inbhir Nis.



BIBLIOGRAPHY

If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - Check Highland Libraries' Catalogue

Scottish Vernacular Buildings Group
Highland vernacular building Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd


Memorandum of guidance on listed buildings and conservation areas Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Sinclair,Colin
The Thatched Houses of the Old Highlands Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Owen, Trefor M. (ed)
From Corrib to Cultra
Noble, Ross R. 'Creel Houses of the Scottish Highlands' pp 82-94: Belfast, 2000

Historic Scotland
Scotland's Listed Buildings - A Guide for Owners and Occupiers

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village