Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Mapa de Ghàidhlteachd na h-Alba

places

Siorrachdan





A dh'aindeoin nan roinnean a chaidh a chruthachadh ann an 1974, agus atharrachaidhean an dèidh sin ann an riaghaltas ionadail a chruthaich na 'Comhairlean' a th' ann an-diugh, bidh daoine fhathast a' bruidhinn air na siorrachdan eachdraidheil. Tha seo gu h-àraidh fior mu na còig Siorrachdan Croitearachd air tìr-mòr - Earra-Ghàidheal, Siorrachd Inbhir Nis, Ros & Cromba, Cataibh agus Gallaibh.

Earra-Ghàidheal
Tha an tè as fhaide deas, Earra-Ghàidheal, a' toirt a-staigh cathair àrsaidh nan Albannach, Dail Riata. Na b' anmoiche bhiodh e aig cridhe fearann Cloinn Chaimbeul, ged a mhair Ìle ann an làmhan Tighearna nan Eilean. 'S e siorrachd bheanntan a th' innte a' dol bho Mhaol Chinn Tìre
gu Gleann Comhann, agus a' toirt a-staigh mòran eileanan, nam measg Ìle, Diùra, Muile, Colla agus Tiriodh. Tha an eaconamaidh aice an crochadh air àiteachas, coilltearachd agus iasgach.

Siorrachd Inbhir Nis
'S i siorrachd Inbhir Nis as motha agus tha sin a' toirt a-staigh Bàideanach, Loch Abar, An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse (gu ruige 1974 bha Loch Aillse na phàirt de Shiorrachd Rois). Tha i a' toirt a-staigh ceanna-bhaile na Gàidhealtachd, Inbhir Nis - a fhuair inbhe cathair-bhaile ann an 2000 - cho math ri Loch Nis agus a' bheinn as àirde ann am Breatainn, Beinn Nibheis. Bha na Hearadh agus na h-Uibhistean cuideachd mar phàirt de Shiorrachd Inbhir Nis suas gu 1974. Chaidh an cath mu dheireadh ann am Breatainn a chur taobh a-muigh Inbhir Nis aig Cùil Lodair ann an 1746.

Ros & Cromba
Gu tuath tha Ros agus Cromba agus fearann sgaoilteach nan tuathanasan san Eilean Dubh agus air Machair Rois. Tha na slèibhtean air an taobh a-staigh dhi a' ruigheachd àirde bheanntan iongantachThoirbheartan san iar. Bha Eilean Leòdhais cuideachd na phàirt dhi ron ath-òrdachadh ann an riaghaltas ionadail anns na 1970an. Ged a b' e Steòrnabhagh an tuineachadh bu mhotha, b' e Inbhir Pheofharain baile na siorrachd. Am measg nan tuineachaidhean eile tha am baile eachdraidheil Baile Dhubhthaich, baile aiseig Ulapul, agus Inbhir Ghòrdain far am bi crainn-ola a' faighinn frithealadh agus soithichean mòra a' tighinn gu cala.

Cataibh
Nas fhaide gu tuath tha Cataibh a tha air a comharrachadh le beanntan iomallach, agus monaidhean farsaing fosgailte a tha a' toirt a-staigh nam bogalaichean-còmhdaich mhòra san Dùthaich Bhuig. Tha greadhnachas buadhach aice, agus cuid de na h-aibhnichean as fheàrr san dùthaich airson bradan. 'S e tuathanas chaorach air na monaidhean agus iasgach bun-stèidh an eaconamaidh.

Gallaibh
Tha Gallaibh san oisean san ear-thuath. Tha an cumadh-tìre ìseal gorm, fosgailte ris a' ghaoith, le leacan sònraichte mar chrìochan air na h-achaidhean. Ged a tha i nas lugha na na siorrachdan eile, 's ann aice a tha a dhà dhe na bailtean as motha air Ghàidhealtachd - Inbhir Uige agus Inbhir Theòrsa. Tha tuathanachas agus iasgach cudromach cuide ri gnìomhachasan beaga. Tha an reactar niùclasach aig Dùnrath, nach eil ag obair a-nis, fhathast a' toirt cosnadh do mhòran san sgìre.

Siorrachdan Gàidhealach eile
Tha earrann Ghàidhealach a-staigh air an dùthaich ann an siorrachdan Pheairt, Aonghais, Obair Dheathain agus Bhainbh, ach 's ann air na sgìrean ìosal agus na mòr-bhailtean aca as motha a tha an sùil.



BIBLIOGRAPHY

If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - Check Highland Libraries' Catalogue

DAVID GRAHAM-CAMPBELL
Portrait of Argyll and the southern Hebrides Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Inverness Field Club
The hub of the Highlands Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd


The New Caithness book Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd


The Ross and Cromarty book Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd


The Sutherland book Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Faigh tuilleadh leabhraichean mu Chataibh

Faigh tuilleadh leabhraichean mu Ghallaibh

Faigh tuilleadh leabhraichean mu Loch Abar

Faigh tuilleadh leabhraichean mu Shiorrachd Inbhir Nis

Faigh tuilleadh leabhraichean mu Shiorrachd Rois

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village