Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Caisteal Urchardain

places

Airc-e˛lach





Shaoileadh tu 's dòcha nach biodh ùidh mhòr aig Arceòlaiche ann an àite gun mhòran sluaigh. Ach chan eil ach corra sgìre ann am Breatainn aig a bheil uiread de stòrasan arceòlach luachmhor agus a th' aig a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. Gu dearbh tha gainnead an t-sluaigh air a bhith gu buannachd an arceòlaiche, leis nach do chuir obair dhaoine às do dh'fhuidhleach ro-eachdraidheil agus àrsaidh.

An Linn Mheadhan-chreagach no Linn Mheadhanach na Cloiche
Chaidh fianais air na tuinneachaidhean as tràithe aig daoine, a' dol air ais 9000 bliadhna, a lorg air Eilean Ruma. Tha cnàmhan agus buill-ceàirde de chlach-theine, ùird chloiche agus corra thiodhlacadh daonna a fhuaireadh ann an Uamhan MhicArtair agus MhicAoidh faisg air an Òban nam fianais air 'cultar Òbanach' 4,500 RC. A-mach às na cruinneachaidhean de shligean agus innealan sìmplidh tha dealbh air nochdadh de shluagh a bhiodh a' siubhal agus a bhiodh a' cruinneachadh stuthan airson bhall-aodaich agus fasgadh agus a' sealg airson biadh.

An Linn Nuadh-chreagach no Linn Anmoch na Cloiche
Thug na slòigh Nuadh-chreagach a thàinig a Bhreatainn mu 3,700 RC prionnsabalan àiteachais leotha;thug iad air falbh na coilltean gus talamh àitich agus ionaltradh a chruthachadh agus thug seo atharrachadh mòr air an dealbh-thìre. Buinidh cùirn sheòmraichte, mar a chithear aig Coire a' Mhonaidh faisg air Druim na Drochaid agus Cùirn Chlabhalaig faisg air Inbhir Nis agus an àìtean eile, gu sònraichte don Ghàidhealtachd. Ach feumaidh gur e na carraighean as grinne a th' aice Maes Howe agus Skara Brae ann an Arcaibh agus Tursachan Chalanais ann an Leòdhas.

Linn an UmhaM
Nuair a thàinig Linn an Umha agus innealan-cogaidh na bu mharbhtaiche, bha feum an uair sin air dìon na bu làidire bho ionnsaighean. Chaidh dùin daingnichte a thogail, me Dùn Teilbh agus Dùn Trodain ann an Gleann Eilg. Tha fianais arceòlach a' cur nar n-inntinn comann-sòisealta òrdail a bha comasach air carraighean maireannach a thogail agus stuthan leithid mheatailtean a mhalairt. Ann an 800 RC bha seudraidh ghrinn òir agus nithean umha eile à Èirinn a' tòiseachadh air nochdadh timcheall air sgìre Linne Mhoireibh.

Linn an Iarainn
Thàinig obrachadh-iarainn còmhla ri na Ceiltich eadar 500 RC agus 400 AD.Thog iad daingnichean clach-loisgte, leithid na feadhna aig Creag Phàdraig os cionn Inbhir Nis agus Cnoc Fearralaidh faisg air Inbhir Pheofharain. Thug iad leotha cuideachd na cànanan aca, Gàidhlig agus Cuimris. Tron linn seo chaidh àireamh mhòr de chlachan samhla Cruithneach a thogail, mar eisimpleir aig Baile Cnuic Chathabuil agus Clach Sheanndabhaig ann an Ros an Ear.

Suas gu linn nan Ròmanach agus seachad oirre
'S dòcha gun do thòisich clàraidhean sgrìobhte le ne Ròmanaich, ach tha pàirt mòr fhathast aig arceòlas ann an cur ri chèile nan amannan a dh'fhalbh. Mar eisimpleir, o chionn ghoirid tha arceòlaichean air daingneach Ròmanach a lorg faisg air Farrais, an tè as fhaide tuath a fhuaireadh fhathast ann am Breatainn. Agus dè mun fhuidhleach bho bheatha dhaoine anns na meadhan-aoisean agus fiù 's nas anmoiche? Tha tòrr fhathast ri rannsachadh agus ri mhìneachadh.



BIBLIOGRAPHY

If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - Check Highland Libraries' Catalogue

Grimble, Ian
Highland Man Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Hunter, James
On the Other Side of Sorrow Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Hunter, James
Scottish Highlanders Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Armit, Ian
The archaeology of Skye and the Western Isles Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd


Viking age in Caithness, Orkney and the North Atlantic Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
Robert B.Gourlay, 'Before the Vikings: The pre-Norse Background in Caithness'

Faigh tuilleadh leabhraichean mu arc-e˛las

Matheson, William
Highland Surnames
Inverness: An Comunn Gaidhealach, 1973

Withers, Charles
'Place, Memory, Monument: Memorialising the Past in Contemporary Highland Scotland' Ecumume, vol. 3, no. 3, July, 1996, pp 325-44

Colleen E.Batey
'Viking and late Norse Caithness: The Archaeological Evidence,' Proceedings of the Tenth Viking Congress, ed. James E. Knirk,
Oslo, 1987, pp 131-148)

dlighe-sgrýobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village