Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

An Creideamh Crìosdail





Tha Crìosdaidheachd air buaidh mhòr a thoirt air beatha agus dualchas na Gàidhealtachd. Tha ainmean-àite air feadh na Gàidhealtachd ag innse mar a sgaoil Crìosdaidheachd an toiseach. Tha ealain chràbhaidh, gu h-àraidh a' Chrois Cheilteach, agus ailtireachd a' foillsicheadh cho cudromach 's a bha i. Tha mòran de rosg agus de bhàrdachd Ghàidhlig a' nochdadh creideamh làidir pearsanta ann an Crìosda, mar a bh'aig iomadh duine air feadh na sgìre. Tha mar a bha dualchasan Crìosdail eadar-dhealaichte ann an sgìrean eadar-dhealaichte air buaidh a thoirt fiù 's air cruinn-eòlas na Gàidhealtachd

Teachd Crìosdaidheachd
Thug an Eaglais Cheilteach thràth sna meadhan-linntean le a bunaitean manachail an Soisgeul dhan Ghàidhealtachd bhon t-6mh linn air adhart. 'S e Eilean Idhe an samhla maireannach bhon chiad iomairt shoisgeulach sin. Ron 12na linn bha an Eaglais Cheilteach air a dhol buileach an lùib na h-Eaglaise Caitligich.

Ron Ath-leasachadh
Bhon àm sin suas gu deireadh an t-16mh linn, b' i an eaglais anmoch sna meadhan-linntean aon de dh'oighreachdan mòra rìoghachd na h-Alba. 'S i bhiodh a' frithealadh ri mòran de ghnothaichean an Rìgh. Bhiodh i a' riochdachadh an Rìgh thall thairis, gu h-àraidh a' dèiligeadh ris a' Phàp. Thug i cobhair do na bochdan 's do na h-euslaintich agus stèidhich i na ciad oilthighean ann an Alba. Ach ri linn coirbeachd san Eaglais thàinig an t-Ath-leasachadh.

An dèidh an Ath-leasachaidh
Le Ath-leasachadh an t-16mh linn ghabh Clèireachd àite Caitligeachd gu ìre mhòir. Fo cheannas Iain Knox, stèidhich Eaglais Ath-leasaichte na h-Alba, am measg rudan eile, am prionnsabal gum biodh foghlam ann don h-uile duine. Ach, aig toiseach an t-17mh linn bha Eaglais na h-Alba ga roinn eadar Soisgeulaich agus Modarataich. B' e buil na cùise Briseadh na h-Eaglaise ann an 1843, agus chan eil an sgaradh riamh air slànachadh buileach, gu h-àraidh air Ghàidhealtachd.

An Eaglais an-diugh
O mheadhan an 20mh linn tha a' mhòr-chuid de dh'eaglaisean Crìosdail de gach seòrsa air buill a chall. 'S iad saoghaltas agus beartas as motha as coireach, ach tha iomairt phoileataigeach airson sòisealtas ioma-chreideimh cuideachd a' toirt droch bhuaidh air Crìosdaidheachd.



BIBLIOGRAPHY

If a book listed in the bibliography below is available from the Highland Libraries it will be indicated by a book icon - Check Highland Libraries' Catalogue

CALLUM BROWN
Religion and Society in Scotland since 1707 Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

ODO BLUNDELL
The Catholic Highlands of Scotland Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Kirk, J.
The Church in the Highlands Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd

Inverness Field Club
The Middle Ages in the Highlands Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd
IAN B COWAN, 'The Medieval Church in the Highlands' p91-100

JANE DAWSON
'Calvinism in the Gaidhealtachd of Scotland', in Calvinism in Europe, 1560-1620, eds. A. Duke, G. Lewis and A. Pettegree. pp. 231-53
Cambridge, 1994.

THOMAS CLANCY
'Columba, Adomnan and the cult of saints in Scotland', Innes Review, vol. 48, no. 1 (Spring 1997), 1-26

K. HUGHES
'Early Christianity in Pictland'
Jarrow Lecture, 1970

ALLAN I. MACINNES
'Evangelical Protestantism in the nineteenth century Highlands', in G.Walker & T Gallagher (eds) Sermons and Battle Hymns: Protestant Popular Culture in Modern Scotland
Edinburgh, 1991

Faigh tuilleadh leabhraichean mu Chrìosdaidheachd

STEPHEN T DRISCOLL
'Political Discourse and the Growth of Christian Ceremonialism in Pictland: the Place of the St Andrews Sarcophagus', St Andrews Sarcophagus, ed. Sally M Foster
Edinburgh 1998

D. Broun and T. Clancy (ed.)
Spes Scotorum : Saint Columba, Iona and Scotland
Edinburgh 1999

M. DILWORTH
'The Counter-Reformation in Scotland: a select critical bibliography', Records of the Scottish Church History Society, xxii
1984

RAY BURNETT
'The Long Nineteenth Century: Scotland's Catholic Gaidhealtachd' in Out of the Ghetto? The Catholic Community in Modern Scotland, (ed. R. Boyle and P. Lynch)
Edinburgh, 1998

I.B. COWAN
'The medieval church in Scotland: a select critical bibliography', Records of the Scottish Church History Society, xxi
1983

Cowan, Ian B
'The post-Columban church', RSCHS, 18

J. MACCAFFREY
'The Scottish Church in the nineteenth century: a select critical bibliography', Records of the Scottish Church History Society, xxiii
1989

D. STEVENSON
'The Scottish Church, 1600-1660: a select critical bibliography', Records of the Scottish Church History Society, xxi
1983

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village