Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
Lady Anne Mackintosh (Colonel Anne)

society

Tha cànan, dualchas agus dòigh-beatha nan Gàidheal air coimhearsnachd shònraichte a chruthachadh air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha a' Ghàidhlig a' ruith tro dhualchas na Gàìdhealtachd agus nan Eilean an Iar agus 's iad sloinnidhean chinnidhean fhathast as pailte ann an iomadh sgìre, mar eisimpleir na Caimbeulaich ann an Earra-Ghàidheal, Clann MhicChoinnich ann an Siorrachd Rois agus Clann Mhic Aoidh ann an Cataibh.

Coimhearsnachd agus an luchd-tuineachaidh ùr
Tha leasachadh air tighinn air a' Ghàidhealtachd ged-tà thairis air iomadh linn agus chan e freumhan Ceilteach a-mhàin a th' aice. Nuair a ghluais na Lochlannaich a-staigh air an h-oirthirean a tuath agus an iar agus na h-eileanan thug iad leotha an dualchas agus an luachan fhèin. Nuair a rinn iad fhèin agus luchd-labhairt na Gàidhlig eadar-phòsadh, chaidh a' chuid a b' fheàrr dhen dà dhualchas a ghleidheadh. Gu dearbh tha buaidh nas làidire aig am freumhan Lochlannach air cuid a chinnidhean na tha aig am freumhan Ceilteach. Fiù 's san là an-diugh bidh daoine a thig a-staigh o dheas a' cur gu mòr ri na coimhearsnachdan Gàidhealach anns a bheil iad air tuineachadh.

Coimhearsnachd agus atharrachadh
Thug e iomadh linn mus d' fhuaireadh air an siostam laghannan a th' ann an-diugh a chur air cinn-chinnidh aindeònach; ach cò an-diugh a dh'iarradh nach biodh na Siorraidhean ionadail, luchd-casaid a' Chrùin agus an luchd-lagha ann? Tha stèidheachadh Seirbheis na Slàinte air piseach mhòr mhòr a thoirt air solar slàinte agus shochairean.

Coimhearsnachd Ghàidhealach thall thairis
Ma tha luchd-imrich don Ghàidhealtachd air iomadh buannachd a thoirt a-staigh leotha tha an t-iomadh eilthireach Gàidhealach air na buannachdan sin a thoirt a-null gu tìrean cèin thar a' chuain. Smaoinich air Canada agus a choimhearsnachd Gàidhlig ann an Ceap Bhreatainn, air neo Eilean Stiùbhairt ann an Sealan Nuadh 's e cho Albannach. Bha Clèirich a' cur luach ann an obair chruaidh agus tur-ionracas anns gach cùis, agus tha na luachan sin air greimeachadh ann an dùthchannan ann an Afraga agus san Ear cho math ri Ameireaga a tuath 's a deas, Astràilia agus eile.

Romansachd seach fìrinn
'S dòcha gu bheil romansachd a' togail ìomhaigh de 'a land of mountain and flood' anns a bheil Gàidheil ghaoisideach ann an èilidhean a' fuireach, a bhios a' cluich na pìoba 's ag ithe taigeis. Ma tha romansachd mar sin a' toirt luchd-turais dhan Ghàidhealtachd agus dha na h-Eileanan, biodh sin mar a bhios. Tha an fhìrinn fichead uair nas fheàrr. Ann an coimhearsnachd na Gàidhealtachd tha cothromachd, ceartas, cobhair agus cùram airson nam bochd, agus nàbaidheachd rim faicinn ann am pailteas.




  • Tagh cuspair an liosta air an làimh chlì fon Comann sa bheil ùidh agad airson cùisean a lorg san tasglann againn



LEABHAR-CHLÀR

Ma tha leabhar sa chlàr gu h-ìseal ri fhaotainn bho Leabharlainn na Gàidhealtachd, bidh samhla leabhair ri thaobh - Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd' Catalogue

Boswell, James
Boswell's Journal of a tour to the Hebrides Check Highland Libraries' Catalogue


Scottish society, 1500-1800 Check Highland Libraries' Catalogue
Cambridge : Cambridge University Press, 1989

Grant, I. F
Periods in Highland History Check Highland Libraries' Catalogue

Scott, Walter
Manners, Customs and History of the Highlanders of Scotland Check Highland Libraries' Catalogue



dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village