
Ron 18mh linn bha eaconamaidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean stèidhichte air tuathanachas. An dèidh call nan Seumasach aig Cùil Lodair ann an 1746, bha siostam nan cinnidhean, a bha na bhunait don choimhearsnachd Ghàidhlig agus don econamaidh aice, air tuiteam às a chèile. Roimhe, b' e beachd a' mhòr-shluaigh gum b' ann le na fir-cinnidh a bha fearann a' chinnidh ach a-nis bha siostam le uachdaran agus màladairean air a sparradh orra. A-nis dh'fheumadh croitearan màl a phàigheadh gus am fearann aca obrachadh.
Atharrachadh eaconamach san 19mh linn
Mar a bha a' Ghàidhealtachd air a sìor-tharraing a-steach do dh'eaconamaidh Bhreatainn a bha stèidhte air gnìomhachas san 19mh linn, bha fearann air fhaicinn mar chalpa a bha ri chleachdadh gus prothaid a dhèanamh. Shaoil na h-uachdarain gun dèanadh tuathanachas chaorach deagh fheum den mhòintich. Às an sin thàinig na Fuadaichean mì-chliùiteach, nuair a chaidh mòran dhaoine fhuadach à fearann an sìnnsirean, agus dh'fheumadh iad gluasad don oirthir no don Ghalldachd, air neo dh'fheumadh iad fiù 's eilthireachd a dhèanamh
Thionndaidh mòran dhe na daoine a chaidh fhuadach don oirthir don mhuir airson am bith-beò. Dh'fhàs gnìomhachas an iasgaich gu luath agus b' e sgadan bu mhotha a bha air a ghlacadh. Chaidh puirt iasgaich a stèidheachadh m.e. Inbhir Ùige, Bun Ilidh, Tobar Mhoire agus Ulapul. Air slighean nan dròbhairean tro Shrath Spè agus Gleann Liobhait nochd na ciad thaighean-staile a' dèanamh uisge-beatha fo smachd laghail. Ach bu bheag a' bhuaidh a bh' aig Tionndadh a' Ghnìomhachais. Ri linn nam Fuadaichean agus gainnead obraichean saothrachaidh bha ìsleachadh ann an àireamh-sluaigh na Gàidhealtachd.
Eaconamaidh an 20mh linn
Aig toiseach an 20mh linn cha robh gluasad air eaconamaidh na Gàidhealtachd. Cha do chuir fiù 's na gnìomhachasan ùra, leithid dealan-uisge agus leaghadh alùmanum, stad air an ìsleachadh san àireamh-sluaigh. B' ann a-mhàin nuair a thàinig turasachd air adhart sna 1960an a thòisich piseach a' tighinn air an eaconamaidh agus a sguir daoine a' falbh nan sruth às a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. Bha toiseach gnìomhachas ola a' Chuain a Tuath sna 1970an air leth cudromach agus mu dheireadh thall tha dòrlach dhaoine a' tilleadh dhan Ghàidhealatchd.
Ma tha leabhar sa chlàr gu h-ìseal ri fhaotainn bho Leabharlainn na Gàidhealtachd, bidh samhla leabhair ri thaobh -
Beaton, A. J
The social and economic conditions of the Highlands of Scotland
Blackie, John Stuart
Scottish Highlanders and the Land Laws
Maclean, Donald
Effect of the 1745 Rising
Shaw, Frances J.
The Northern and Western Islands of Scotland
Turnock, David
Patterns of Highland development
Anderson, Mark L.
A History of Scottish Forestry
Gaelic Society of Inverness
Transactions of the Gaelic Society of Inverness
vol 43, 1960-63, pp 250-75 , Gillanders, Farquhar 'The West Highland Economy'
Gray, Malcolm
The Highland economy, 1750-1850
Gaelic Society of Inverness
Transactions of the Gaelic Society of Inverness
vol 24, 1899-1901, pp 120-139, Sir Kenneth Mackenzie, 'An Economical History of the Hebrides or Western Islands of Scotland'
Faigh tuilleadh leabhraichean mun eaconamaidh
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2013 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: