Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd
R.M.S Columba, 1908

environment

Tha 'àrainneachd' a' ciallachadh rudan eadar-dhealaichte do dhaoine eadar-dhealaichte, ach do Ghàidheal, 's e an àrainneachd nàdarra a tha air inntinn. Na tha timcheall air a dhachaigh, an èadhar a bhios e ag gabhail a-staigh, a' ghnàth-shìde a bhios e a' mealtainn - tha iad uile mar phàirt de dh'àrainneachd na Gàidhealtachd; agus abair àrainneachd!

Àrainneachd nàdarra air leth
Tha a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan aithnichte airson sheallaidhean brèagha, ach tha barrachd ann na sin. Soilleireachd an èadhair, fìorghlaine nan uisgeachan, sàmhchair a leigeas leat comhart coin a chluinntinn mìltean shuas air a' bheinn, fiadh-bheatha ann am pailteas - tha iad sin uile a' tarraing luchd-tadhail bho gach àite. Tràighean agus machraichean nan Eilean Siar; mòrachd beanntan Thoirbheartan; fuigheall nan seann choilltean Caileannach; solas a' cluich air uisge 's air tìr; chan eil an sin ach beagan de na nithean nàdarra a bhios a' tàladh dhaoine dhan sgìre. Gu cinnteach 's i a' Ghàidhealtachd an-diugh aon de na fàsaichean mòra mu dheireadh san Roinn Eòrpa.

Ach àrainneachd daonna cuideachd!
A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan - 'àrainneachd nàdarra' san t-seadh cheart? Chan e buileach. Tha cruth-tìre na Gàidhealtachd an-diugh gu mòr an urra ri gnìomhan dhaoine. Chaidh coilltean air a' mhòintich fhosgailte a leagail airson talamh àitich, ionaltradh, fiodh agus connadh. Tha falaisgan airson chearcan-fraoich, caoraich agus fèidh air na pàtranan a tha rim faicinn air monaidhean fraoich a dhèanamh. Tha planntachaidhean mòra de chraobhan-durcain nach buin dhan àite a'còmhdach leòidean casa nan gleann. Tha damaichean mòra a' cumail air ais stòran-uisge airson dealan-uisge agus tha paidhleanan mòra a'ruith tron dùthaich.

A' coimhead às dèidh na h-àrainneachd
Dh'fhaodadh tancairean ola a tha a' seòladh tron Chuan Sgìth cron a dhèanamh air àrainneachd na mara. Dh'fhaodadh tuathan-gaoithe a bhith nan cùis sgreamh. Dh'fhaodadh monaidhean a bhith air am milleadh le saltairt gun lasachadh, agus dh'fhaodaist dragh a chur air fiadh-bheatha le cus luchd-coiseachd agus streap. Dh'fhaodadh cuideam bho ghnìomhan dhaoine a' mheidh-chothrom a chur ceàrr cho furasta sin.

Tha com-pàirt aig mòran bhuidhnean ann a bhith a' coimhead às dèidh na h-àrrainneachd againn air Ghàidhealtachd - m.e. Dualchas Nàdarra na h-Alba (SNH), Urras Nàiseanta na h-Alba (NTS) agus Urras Iain Mhuir. Ach tha com-pàirt aig muinntir an àite cuideachd; tha iadsan a' fuireach 's ag obair ann. Tha feum aig a' Ghàidhealtachd air leasachadh eaconamach mar a th' aig a h-uile àite. Tha e deatamach ma-thà, airson maith na h-àrrainneachd sgoinneil seo, gun sir gach duine an t-slighe air adhart as fheàrr le sùil ri glèidhteachas.




  • Tagh cuspair an liosta air an làimh chlì fon An Àrainneachd sa bheil ùidh agad airson cùisean a lorg san tasglann againn



LEABHAR-CHLÀR

Ma tha leabhar sa chlàr gu h-ìseal ri fhaotainn bho Leabharlainn na Gàidhealtachd, bidh samhla leabhair ri thaobh - Coimhead ann an Catalog Leabharlainn na Gàidhealtachd' Catalogue

Darling, Frank Fraser
Natural history in the Highlands & islands Check Highland Libraries' Catalogue

Smout, T.C.
'The Highlands and the Roots of Green Consciousness, 1750-1900'
Proceedings of the British Academy, v. 76, c. 1991, pp 237-63

John R. Baldwin
Peoples and Settlement in North-west Ross Check Highland Libraries' Catalogue
pp 1-14 - Willis, Douglas P.,'Man and the Land: Physical Environment and Settlement in the North-west Highlands'

Dodgshon, R.A.
'West Highland and Hebridean Landscapes: Have They a History without Runrig'
Journal of Historical Geography, 19, 1993, pp 383-98

Faigh tuilleadh leabhraichean mu chlach-eòlas

Faigh tuilleadh leabhraichean mun àrainneachd



dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village