
Fàilte gu leabharlann didseatach aig 'Am Baile'.
'A Few Opinions on the Grant Vibration Rod'
Tràth sna 1900an, reic an Granndach còireachan dealbhaidh na slaite ri Teàrlach Playfair & a Chompanaidh, a bhiodh a' dèanamh uidheam iasgaireachd ann an Obar Dheathain. Chaidh an leabhran sanasachd seo leis an ainm 'Beagan Bheachdan air Slat Chritheach a' Ghranndaich' a thoirt gu buil leis a' chompanaidh, gus ceannach a bhrosnachadh, tha fios.
'Account of Improvements' le Sir Iain Mac na Ceàrdaich, Fear Ulbastair
Ann an 1812, chlò-bhuail Bòrd an Àiteachais (Lunnainn) 'General view of the agriculture of the county of Caithness' le mapaichean agus eàrr-ràdh mu Shir Iain Mac na Ceàrdaich, Fear Ulbastair, fon ainm 'An Account of The Improvements carried on by Sir John Sinclair, Bart., on his Estates in Scotland'.
Achd Cala 1883
Achd a chum Òrduighean Cumhach a rinn am Bòrd Malairt fo Achd Cidhe is Acarsaid Coitcheann 1861.
Achd Cala Inbhir Nis 1847
'An Act for deepening, enlarging, improving, and maintaining the Port and Harbour of Inverness, and the Navigation of the River Ness, and the Quays and Piers and other Works connected therewith; for regulating the Anchorage and Shore Dues of the said Port and Harbour; and other Purposes relating thereto.'
Achd Cala Inbhir Nis 1899
Achd a' toirt ùghdarras do dh'Urrasairean Acarsaid Inbhir Nis cidheachan ùra a thogail is obraichean eile a dhèanamh, is a' toirt barrachd cumhachd do na h-Urrasairean is do Chomhairle Bhaile Rìoghail Inbhir Nis, agus airson chùisean eile.
Àireamhan moraltachd Ghaidhealtachd is Eileanan na h-Alba
'Moral Statistics of the Highlands and Islands of Scotland, compiled from returns received by the Inverness Society for the Education of the Poor in the Highlands.'
Aithisg air Milleadh a chaidh a dhèanamh air Amar-Uisge a' Ghlinne Mhòir, 1849
Ag innse mun mhilleadh a rinn na tuiltean air a' 24mh & agus 25mh Faoilleach, 1849.
Aithisg air na taighean-aoidheachd
Seo aithisg a chaidh a dhèanamh do Thriath Chlann Dòmhnaill a thaobh nan taighean-aoigheachd air an oighreachd aige.
Aithisg air ìre Rathad Thròndairnis aig an àm a chaidh a thogail
Litir ag innse mun adhartas a thathas a' deànamh air Rathad Throndairnis anns an Eilean Sgitheanach ann an 1817.
Aithisg mu Eilean Leòdhais leis an Urr Mgr Headrick
'Aithisg mu Eilean Leòdhais leis an Urr Mgr Headrick, ann an litir chun an t-sealbhadair, Morair Shìophoirt Urramach'.
Am Fìdhlear Albannach, J. Scott Skinner, 1900
Ann an 1900 dh'fhoillsich Bayley & Fearghasdan, foillsichearan à Glaschu,'The Scottish Violinist', cruinneachadh de fhuinn thraidiseanta agus ùr air an sgrìobhadh agus air an rianachadh le Skinner, airson cluiche fìdhle aon-neach gun taic ciùil.
An t-Òrd, An Luirg
'The Ord, Lairg', leabhran-fiosrachaidh air a chur ri chèile le Lionra Dualchais na Gàidhealtachd
An Turas Armailteach dhan Eilean Sgiathanach
Chaidh an litir seo a sgrìobhadh gu Sir Uilleam Vernon Harcourt Uasal BP, Rùnaire na Stàite Roinn na Dùthcha. Tha e a' toirt iomradh air co-dhùnadh a chaidh a dhèanamh san t-Samhainn 1884 gus saighdearan a chur dhan Eilean Sgiathanach a bhiodh a' dèiligeadh ri croitearan neo-rianail.
Ancient Wells in the North and their Folk-Lore
Tha an earrann seo bho leabhar 1 de na Transactions of the Inverness Scientific Society and Field Club
Àrd-eaglais Ghallaibh ann an Dòrnach
Bho chaidh a thogail anns an 13mh linn, tha Àrd-eaglais Dhòrnach air atharrachadh a thaobh an togallaich fhèin agus a thaobh a' bhuidhinn creidimh a bha ga cleachdadh. Seo an duilleag còmhdaich de leabharan a chaidh fhoillseachadh aig toiseach na 20mh linn, far an robhar ag innse mu eachdraidh an togallaich.
Armachd Ghàidhealach
Ann an 1970, dh'fhoillsich an Comunn Gaidhealach leabhran goirid mu armachd Ghàidhealach.
The Avoch Bay Droonins
Le bhith a' cleachdadh iomraidhean na h-ama, tha an artaigil seo le Willie Stewart a' rannsachadh trì tubaistean a bh' ann am Bàgh Abhach tràth sna 1870an.
Chun a’ bhàrr
Ban-dia Bhail' a' Chaolais
Tha an earrann seo bho leabhar 2 de na Transactions of the Inverness Scientific Society and Field Club
Boineid Iteach nan Rèisimeidean Gàidhealach
B' e boineid iteach pàirt de thrusgan saighdeir ann an Rèisimeid Ghàidhealach anns na 1880an. Cha robh a' bhoineid ach aig na Rèisimeidean Gàidhealach, ach bha cunnart gun dèigheadh clogaid, mar a bh'aig na rèisimeidean Breatannach eile, a chur na h-àite. Chaidh iomadh argamaid a dhèanamh air taobh nam boineidean air sgàth seo. Tha an aiste seo de litrichean is de dh'aithisgean a' sealltainn cuid de na h-argamaidean.
Bun-stèidh Chomhairle Baile Ùr an t-Slèibh 1906
Bhun-stèidh Chomhairle Baile Ùr an t-Slèibh, a chaidh a stèidheachadh ann an 1906. Tha puingean a' bhun-stèidham broinn an sgrìobhainn.
The Bunchrew Disctrict
Tha an earrann seo bho leabhar 1 de na Transactions of the Inverness Scientific Society and Field Club
Chun a’ bhàrr
Caisteal Bhaile Mhic Cathain Leabhran Reic
Ann an 1945, chaidh Oighreachd Bhaile Mhic Cathain a roinn ann an 192 lotaichean, a chaidh a reic aig rup. Chaidh leabhran a sgrìobhadh a' toirt seachad fiosrachadh mionaideach mu na lotaichean sin dha duine sam bith aig an robh ùidh ann an ceannach.
Caisteal Dhùn Robain
Leabhar-iùil oifigeil Caisteal Dhùn Robain sgrìobhte le R. J. Adams.
Caisteal Urchardain (Caisteal na Sròine)
Tha an earrann seo bho leabhar 2 de na Transactions of the Inverness Scientific Society and Field Club
Cathraichean Chataibh is Ghallaibh
'The Chairs of Sutherland and Caithness' le R. Ros Nobal, an toiseach tha e a' toirt iomradh air na beachdan dualchasach air na diofaran eadar cathraichean Ghallaibh agus Chataibh.
Ceannairc anns An Fhreiceadan Dnubh
'Narrative of the Mutiny in the Black Watch in 1743, compiled by His Grace the Duke of Athole, K. T., from the original proceedings of the General Courts-Martial ...', air fhoillseachadh le Iain Christie à Peairt ann an 1893.
Ceòl dannsa, Hopwood & Crew
Tha an leabhar 'Hopwood & Crew's Eighth Book of Quadrilles, Waltzes, Galops, Polkas, Etc.' na phàirt den chruinneachadh aig Alasdair Grannd. San leabhar tha ceòl fìdhle, a tha air an cur air dòigh airson dannsa le Carlo Minasi.
Ciad Aithisg Bhliadhnail an HIDB
Chuireadh Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean air bhonn fo Achd Leasachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (Alba) 1965.
The Clans of the Scottish Highlands
Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.
Clàr-bathair airson reic Oighreachd Sgiobail, 1890
Tha 'Mr Carnegie's copy' sgrìobhte air mullach an duilleag-aghaidh.
Club Leughaidh Bhàideanaich
Seo earrann à geàrr-chunntas on chiad choinneamh aig Club Leughaidh Bhàideanaich.
Comataidh Roinneil air Frìthean, 1919
Anns an t-Samhainn 1919 chaidh iarraidh air Comataidh Roinneil rannsachadh agus aithisg a dhèanamh air an talamh a bha air a chleachdadh mar fhrìthean ann an Alba. Dh'fhoillsich iad na lorg iad anns an aithisg seo ann an 1922.
Cruinneachadh Chinnidhean agus Taisbeanadh Thionnsgalan Gàidhealach
Leabhran chuimhneachaidh airson Cruinneachadh Chinnidhean agus Taisbeanadh Thionnsgalan na Gàidhealtachd 6-8 An Lùnastal 1964.
Cruthachadh Cloich Gràineile
Tha an earrann seo bho leabhar 2 de na Transactions of the Inverness Scientific Society and Field Club
Chun a’ bhàrr
Dàn: "A Candidate's Candid Confession"
Dàn a chaidh fhoillseachadh le luchd-dùbhlain Theàrlaich Fhriseil Mhic an Tòisich rè iomairt Taghaidh Coitcheann 1874 ann am Bailtean Inbhir Nis . Tha an dàn a' toirt slaic air agus a' dèanamh aoireadh air mar a dh'atharraich e bho bhith na Thòraidh gu bhith na Libearalach.
Druidical Circles
Tha an earrann seo bho leabhar 1 de na Transactions of the Inverness Scientific Society and Field Club
Dùn Neachdainn, o shean is an-diugh
Eachdraidh ridireachd Dhùn Neachdainn, a bh' aig teaghlach 'ic an Tòisich airson 400 bliadhna.
Dìon Eun Fiadhaich
Tha an earrann seo bho leabhar 2 de na Transactions of the Inverness Scientific Society and Field Club
Dìon-feachd Dhùthaich Mhic Aoidh
Tha an leabhar ag innse mu thùs agus gnìomhan Dìon-feachd Dhùthaich Mhic Aoidh, rèisimeid chogail Ghàidhealach a dh'èirich air Oighreachd Morair Reay ann an Dùthaich Mhic Aoidh.
Chun a’ bhàrr
Eachdraidh an Dealachaidh. A' Ghàidhealtachd
'Annals of the Disruption; with extracts from the narratives of Ministers who left the Scottish Establishment in 1843', leis an Urr Tòmas MacGilleDhuinn
Eachdraidh an Dealachaidh. Comainn na Mnathan
Chaidh Comann nam Ban ann an Dùn Eideann a stèidheachadh ann an 1850. Bha e airson sgoiltean na h-Eaglaise Saoire a stèidheachadh sa Ghàidhealtachd.
Eachdraidh an Dealachaidh. Hiort
Bha Hiort cho iomallach 's nach robh ministear a' tadhal air na daoine uabhasach tric. Chaidh an Dotair Dòmhnallach à Urchardainn, ministear soisgeulach ainmeil, dhan eilean a shearmonachadh, is bha buaidh iongantach aige air na daoine.
Eachdraidh an Dealachaidh. Na Daoine
Bha Achd Chùl-taic 1712 a' feuchainn ri siostam cùl-taic a thoirt air ais gu Eaglais na h-Alba. Bha obair chruaidh air thoiseach air An Eaglais Shaor, oir bha aca ri eaglaisean, mansaichean, sgoiltean is ministearan fhaighinn airson nan coithionalan uile.
Bha buidheann de shearmonaichean neo-chlèireach ann air an robh 'na daoine'. B' e searmonaichean siùbhlach a bh'annta, gun mòran foghlaim mar bu trice, ach fìor eòlach sa Bhìoball.
Chun a’ bhàrr
Fosgladh Cuimhneachan-cogaidh Ghleann Feisidh
Òrdugh an t-Seirbhis airson Fosgladh is Coisrigeadh a' Cuimhneachan-cogaidh aig Gleann Feisidh
Freumhan Gàidhlig ann an ainmean ionadail
Tha an earrann seo bho leabhar 3 de na Transactions of the Inverness Scientific Society and Field Club agus tha Alasdair MacCoinnich a' bruidhinn air na freumhan Gàidhlig ann an ainmean àite ann an sgìre Inbhir Nis
Chun a’ bhàrr
Geàrr-chunntas Fianais bho Choimisean Napier
Ann an 1883, chuir an riaghaltas Coimisean Rìoghail air bhonn gus sgrùdadh a dhèanamh air staid a' chroitearachd agus air gearanan chroitearan. B' e an Ridire Napier agus Eadraig a bha ga stiùireadh, agus is ann air ainm a tha an Coimisean ainmichte.
The Geology of the Nairn Valley
Tha an earrann seo bho leabhar 1 de na Transactions of the Inverness Scientific Society and Field Club
Chun a’ bhàrr
'History of Strathspeys and Reels'
Chaidh an leabhran seo, 'History of Strathspeys and Reels' le Anndra Mac an Tòisich a thoirt dha Alasdair Grannd leis an ùghdar. Chaidh a chlò-bhualadh às ùr bho 'Gnothaichean Comann Gàidhlig Inbhir Nis, 1914'.
Chun a’ bhàrr
Iain Labhraidh; An Eccentric Sutherland Dominie
Ann an 1892 dh'fhoillsich Daniel Uilleam Kemp eachdraidh-beatha eachdraidheil mun neach-teagaisg Albannach Iain Labhraidh. B' e Seòras Crathorne an t-ainm dòigheil a bh' air Labhraidh agus bha e a' teagasg aig Inbhir Sin ann an taobh an Ear Chataibh.
Visit to the Holm Burn
Tha an earrann seo bho leabhar 1 de na Transactions of the Inverness Scientific Society and Field Club
Chun a’ bhàrr
Leabhar Tasgaidh Banca Caomhnaidh Inbhir Nis
The Inverness Trustee Savings Bank, established in 1840, was situated on Lombard Street in Inverness. Trustee Savings Banks were institutions which primarily accepted savings deposits from the working class.
Leabhar-bliadhna Gleann Urchadain
'S e leabhar goirid a th' ann an 'Glenurquhart Past and Present', agus tha ainmean nan cuspairean nan comharra air na tha deanamh baile Ghleann Urchadain na chomharra air àite agus eachdraidh.
Leabhar-latha Sheumais Banks
Chaidh an leabhar-latha seo a sgrìobhadh le James no Seumas Banks, maighstir-sgoile ann an Gallaibh eadar 1839 agus 1860.
Leabhar-sgrìobhaidh Uilleim Chaimbeil
Bhuineadh an leabhar do dh'Uilleam Caimbeul à Dealgros agus bhiodh e ga chleachdadh airson obair sgrìobhaidh.
Leabhran bho People's Journal de dh' Òrain Nàiseanta
B' e am People's Journal fear de na h-irisean seachdain a nochd ann an Alba às dèidh cur às don Chìs Stampa anns ns 1850an.
Litir (1773) o Iain Alves, Inbhir Nis gu Uilleam Bàillidh, Dùn an Naoimh Sheòrais, India, duilleag
Tha an sgrìobhainn seo o'n 28mh den Fhaoilleach 1773. 'S e seo litir o Iain Alves ann an Inbhir Nis gu Uilleam Bàillidh aig Dùn an Naoimh Sheòrais anns Na h-Innseachan (Fort St. George, India). Bha Uilleam (1737-1782) air fhasdadh mar oifigear airm de Chompanaidh Bhreatannach Taobh Sear Nan Innseachan.
Litir (1775) o Iain Alves, Inbhir Nis gu Uilleam Bàillidh, Dùn an Naoimh Sheòrais, India
Tha an sgrìobhainn seo o'n 16mh den Ghiblean 1775. 'S e litir o Iain Alves ann an Inbhir Nis gu Uilleam Bàillidh aig Dùn an Naoimh Sheòrais anns Na h-Innseachan a th' ann.
Litir (1777) bhon Fho-cheannard Alasdair Godsman, Dùn Eathain gu Còirneal Bàillidh, Madras, Na h-Innseachan
Tha an sgrìobhainn seo o'n 15mh den Damhair 1777. 'S e seo litir on Fho-cheannard Alasdair Godsman, Dùn Eathain gu Còirneal Bàillidh à Dùn Eathain, ann am Madras, Na h-Innseachan. Tha iomradh ann air mòran chuspairean cudthromach na Gàidhealtachd, mar leasachadh air tuathanasan agus mu na Fuadaichean.
Litir (1854) o Iseabal 'icAonghais gu Anna Bhàillidh mu Fhloireans Nightingale
Tha an sgrìobhainn seo o'n 21mh den Dùbhlachd 1854. 'S e seo litir o Iseabal NicAonghais à Inbhir Lìte, Dùn Eideann, gu piuthar a h-athar, Anna Bhàillidh.
Litir mun rathad-iarainn aig a' chompanaidh Marmor an Eilein Sgitheanaich Earr
Tha am fear a sgrìobh na litreach seo na bhall ann an Institiùd nan Innleadairean Sìobhalta agus na Stiùiriche air Marmor an Eilein Sgiathanaich Earranta. Thòisich Marmor an Eilein Sgitheanaich Earranta a' cladhach anns an t-Srath a' cleachdadh luchd-obrach às a' Bheilg ann an 1904. Greis an dèidh sin thog iad rèile a bha a' ceangal na cuaraidh ann an Cille Bhrìghde ri cidhe an Ath Leathainn.
Litir o Chomann Rìoghail Chraobhadail na h-Alba, 1924
Litir o Roinn a Tuath de Chomann Rìoghail Chraobhadail na h-Alba ag innse do Rianadair Chlub Fheòrag na Gaidhealtachd nach fhaigh iad air Club Fheòrag a stèidheachadh ann an Siorrachd Inbhir Nis seach nach robh ùidh aig daoine gu leòr ann.
Litir o Phrionnsa na Cuimrigh a' gabhail ri Saorsa Bhaile Inbhir Nis
Seo litir o oifis Eideird, Prionnsa na Cuimrigh, a' dearbhadh gun gabhadh e ri cuireadh tadhal air Inbhir Nis air an t-26mh Ògmhios 1931 gus òraid a dhèanamh do bhuill de Leigian Bhreatainn (Alba) agus gus Saorsa Inbhir Nis a ghabhail
Lorgan Àirseachail air Taobh Sear Mhoireibh
Tha an earrann seo bho leabhar 2 de na Transactions of the Inverness Scientific Society and Field Club
Lusan ann am parraist is sgìre Chrothaidh
Pàipear air luibh-eòlas Chrothaidh, le liosta de 360 seòrsa, leis an Urr. Tòmas Friseal à Crothaidh.
Chun a’ bhàrr
Màiri NicPhàil, sgrìobhadh cùramach
'S ann le Màiri NicPhàil, Clas V, a bha an leabhar-sgoile seo. Air duilleag aghaidh an leabhair tha 'for careful writing see within' sgrìobhte. Anns an leabhar, tha Màiri air leth-bhreacan de dhàin a dhèanamh anns an sgrìobhadh as fheàrr aice.
Maoin Phort a' Choltair
'Third Report to the Committee for Managing the Meikle Ferry Fund' (Dòrnach, 5mh den t-Samhainn 1811)
Meòrachan Mìneachaidh Achd Leasachaidh Dealan-Uisge (Alba), 1943
Tha an leabhar seo on HMSO ag innse gu mionaideach mu Achd 1943 a bha a' moladh sgeamaichean Dealan-Uisge Ceann a tuath na h-Alba a thogail.
Ministearan an Dealachaidh
'Annals of the Disruption; with extracts from the narratives of Ministers who left the Scottish Establishment in 1843', leis an Urr Tòmas MacGilleDhuinn
'Miscellaneous Papers' le Sir Iain Mac na Ceàrdaich, Fear Ulbastair
Eadar 1807 agus 1816, chuir Sir Iain Mac na Ceàrdaich an clò sreath de "Phàipearan Measgaichte" air caochladh chuspairean anns an robh ùidh aige, agus gus fois a ghabhail o na sgrìobhaidhean troma aige.
Mu Fhoillseachadh Bàrdachd Oisein sa Chiad Nòs
Rugadh Seumas Mac a' Phearsain ann am Bàideanach ann an 1736. Fhuair e foghlam ann an Obar Dheathain is Dùn Eideann, is bha tàlant aige airson bàrdachd. Ann an 1760, dh'fhoillsich e 'Fragments of Ancient Poetry' air eadar-theangachadh on Ghàidhlig, is dà bhliadhna an dèidh sin dh'fhoillsich e 'Fingal, an Ancient and Epic Poem', a sgrìobh Fingal, mac Oisein, a-rèir coltais.
Murt nan Rosach
Poileis a' fuadach luchd-màil à Greenyards, Srath Carrann an aghaidh an toil ann an 1854.
Chun a’ bhàrr
Òraid-bàis do Sheumas Lachlainn Màrtainn Mitchell
Seo an òraid-bàis a rinneadh do Sheumas Lachlainn Màrtainn Mitchell (1929 - 2001). Tha e na phàirt de thasglann JLM Mitchell aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis.
Òraid-choisrigidh Àrd-ollamh Cheiltis Oilthigh Dhùn Eidinn
Rinn Àrd-ollamh MacFhionghain an òraid seo nuair a chaidh a choisrigeadh gu Cathair Eòlais Cheiltich aig Oilthigh Dhùn Eidinn
Òrain is Laoidhean Ghaidhealtachd na h-Alba
Chaidh 'The Songs and Hymns of the Scottish Highlands' le Lachlann MacBheathain fhoillseachadh ann an 1888. Tha an leabhar ann an dà phàirt - cràbhach is saoghalta.
Chun a’ bhàrr
Prògram Cuimhneachaidh Banrigh Sgadain inbhir ùige 1938
Prògram cuimhneachaidh Cuirm Crùnaidh is Caismeachd Càrnabhail Banrigh Sgadain Inbhir Ùige, 23 Iuchar 1938
Prògram Cuimhneachaidh Banrigh Sgadain inbhir ùige 1950
Prògram cuimhneachaidh Cuirm Crùnaidh is Caismeachd Càrnabhail Banrigh Sgadain Inbhir Ùige, 1950
Prògram Cuirm-chiùil 1905, la' sealltainn Scott Skinner
Air 25mh Giblean 1905 chaidh `Cuirm-chiùil Mòr na Càisge' a chumail ann an Talla a' Bhaile sa Phort a Deas, air a chur air adhart le Uisge Taigh Rockley. Chluich Seumas Scott Skinner, an sgrìobhaiche ciùil agus am fìdhlear à Alba, aig a' chuirm-chiùil còmhla ri a mhac, Manson.
Prògram Cuirm-chiùil Comann Lunnainn Sgìre Inbhir Nis
Chaidh Comann Lunnainn Sgìre Inbhir Nis a chur air bhonn ann an 1881 gus foghlam litreachail, sòisealta agus carthannach a bhrosnachadh san rìoghachd. Chaidh a' chuirm-chiùil airson iad a bhith 'Coming of Age', a ghabh àite air an 3mh Iuchar 1902 ann an Talla na Banrighinn, Ionad Langham, Lunnainn, a chumail gus airgead a thogail a thaobh thabhartasan oilthigh dha gillean à Sgìre Inbhir Nis, agus gus club a stèidheachadh dha fir òga bhon Ghàidhealtachd a' tighinn a Lunnainn.
Prògram Oidhche Bhurns, 28 Faoilleach 1905
Chaidh Comann Cinnidhean Albannach Lunnainn a stèidheachadh ann an 1898. B'e fear de na prìomh amasan aige a bhith a' cur chuirmean-ciùil agus chruinneachaidhean sòisealta air dòigh gus faireachdainn Albannach a bhrosnachadh am measg a bhallrachd. Is e seo am prògram airson cuirm-chiùil a chaidh a chumail leis a' chomann anns an Albert Hall air 28 Faoilleach 1905 gus Oidhche Bhurns a chomharrachadh.
Chun a’ bhàrr
Rèile Aotrom Dhòrnach
Prògram - 'Fosgladh Rèile Aotrom Dhòrnach. Diluain 2mh Ògmhios 1902'.
Riaghladh Oighreachdan fearainn na Gàidhealtachd
'S e cruinneachadh de dh'aistean a nochd anns an 'Inverness Courier' a th'anns an leabhar seo. Bha an cruinneachadh ag amas air co-cheannachd, cultar is tuath na Gàidhealtachd a leasachadh.
Chun a’ bhàrr
Seallaidhean de leabhran an Eilein Sgìtheanaich
San leabhran bhig seo tha ochd ìomhaighean de dhiofar àiteachan san Eilean Sgìtheanach còmhla ri ro-ràdh goirid mun eilean air taobh a-staigh a' chòmhdaich aghaidh, agus iomradh goirid eile mun àm a chuir am Prionnsa Teàrlach Èideard Stiùbhart seachad san sgìre às dèidh Cùil Lodair.
Seallaidhean na h-Alba
Rugadh Sir Gilleasbaig Geikie ann an Dùn Eideann ann an 1835. Ann an 1865, dh'fhoillsich e 'The Scenery of Scotland, viewed in connexion with its physical geology'. Thuirt e gur e 'the first attempt to elucidate in some detail the history of the topography of a country'
Seann shlighean - slighean thar na dùthcha agus
Sgrìobh A E MacDhonnchaidh, Ceann-suidhe Buidheann Slighean na h-Alba leabhar-iùil mu na slighean ann an Gàidhealtachd na h-Alba.
Seann Teaghlach Urramach Chalder
Tha an làmh-sgrìobhainn a' tòiseachadh le: 'Seo teaghlach cho sean is cho ainmeil 's a bha anns a' Cheann a Tuath'. Tha e air a cheangal le dealbhan de dhathan-uisge de chaisteal Chaladair is caistealan eile, ann an leabhar ann an cruinneachadh Fhriseil-Mhic an Tòisich ann an Leabharlann Inbhir Nis.
Siorrachd Chataibh Leabhar-iùil Oifigeil
Siorrachd Chataibh Leabhar-iùil Oifigeil tuairisgeul air cuid de phrìomh bhuadhan na siorrachd, nam measg carraighean eachdraidh, goireasan spòrs agus bòidhchead nàdarra
Slighe Shrath Nabhair, An Sgeulachd air Cruth-tìre ann an Ceann a Tuath na Gàidhealtachd
Is e sgìre ann an ceann a tuath na h-Alba a th' ann an Srath Nabhair.
Something from the Gold Diggings in Sutherland
Leabhran air a bheil "Something from the Gold Diggings in Sutherland" leis an Dtr Iain Brown, 20 Giblean 1869. Tha cunntas anns an leabhran mun chladhach-òir ann an Cataibh anns na 1860/70an.
'Stiùireadh a thaobh Boghadh' le Scott Skinner
Tha `Stiùireadh a thaobh Boghaidh' a chaidh a chur ri chèile le J. Scott Skinner, mar mheasgachadh de leabhar teagaisg fìdhle, leabhar-làimhe boghaidh agus aithris a tha beachdail ach gràdhach dha dhùthaich. Chaidh fhoillseachadh an toiseach timcheall air 1900, agus thàinig e gu bhith na stiùireadh gun choimeas a thaobh stoidhle dhual-nàdair an Taobh an Ear air dòighean boghaidh.
Chun a’ bhàrr
Taigh-tasgaidh na Pòcaid - Notaichean do Luchd-teagaisg
Ann an Taigh-tasgaidh na Pòcaid ann an Leabharlann Chlann Dòmhnall tha cruinneachadh de notaichean, mapaichean, deilbh, seallaidhean agus earrainnean bho na tasglainn a tha a' toirt sùil air beatha air oighreachd sa Ghàidhealtachd.
Taigh-tasgaidh na Pòcaid - Notaichean mu na Deilbh
Tha na notaichean seo co-cheangailte ris na deilbh ann an Taigh-tasgaidh na Pòcaid. Ann an Taigh-tasgaidh na Pòcaid ann an Leabharlann Chlann Dòmhnall tha cruinneachadh de notaichean, mapaichean, deilbh, seallaidhean agus earrainnean bho na tasglainn a tha a' toirt sùil air beatha air oighreachd sa Ghàidhealtachd.
Thaisbeanadh 'Litrichean Dhachaigh'
'Tinkler Willie' le Seòras Gòrdain Ingram
Chaidh an t-òran seo leis an ainm 'Tinkler Willie' a thoirt dhan Ghranndach le Skinner. Chaidh a sgrìobhadh le Seòras Gòrdain Ingram (far-ainm Gramin), neach-teagaisg ciùil agus sgrìobhaiche òrain à sgìre Mhoireibh a rinn eilthireachd dha na Stàitean Aonaichte timcheall air 1890.
'Treatise on the Planning and Constructing of Harbours in Deep Water'
Chaidh am pàipear seo leis an tiotal 'Treatise on the Planning and Constructing of Harbours in Deep Water' a sgrìobhadh le Seumas Bremner, fear-togail nan soithichean agus nan caladh agus fear-sàbhalaidh nam bàtaichean briste o ghrunnd na mara. Rugadh e ann an 1784 ann an Stain, faisg air baile beag Cèis ann an Gallaibh.
Tuiteam Drochaid Nis, 26 Faoilleach 1849
Chaidh Drochaid Nis, an drochaid a' dol tarsainn Abhainn Nis anns an robh seachd boghannan, a sguabadh air falbh ann an tuiltean anns an Fhaoilleach 1849. Chaidh an litir seo bho chruinneachadh Alasdair Ghrannd a sgrìobhadh mun àm a chaidh an drochaid a sguabadh air falbh.
Chun a’ bhàrr
The Uig Floods in Skye
Tha an earrann seo bho leabhar 1 de na Transactions of the Inverness Scientific Society and Field Club
dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2012 Am Baile/The Gaelic Village
Thig còmhla rinn air: