Am Baile: Goireas de Dhualchas na h-AlbaComhairle na Gaidhealtachd

a' cleachdadh an larach-lìn

Geamannan do Ghàidheil



Notaichean Stiùiridh do Thidsearan is do Chluicheadairean



Comaigean

Tha bun-stòiridh aig cuid de na geamannan a ghabhas fhaicinn sna Comaigean a tha cuideachd rin lorg anns an roinn Spòrs agus Geamannan aig 'Am Baile'. Ma tha comaig ceangailte mar seo ann, tha an t-ainm air a sgrìobhadh ann an cromagan fon tiotal. Ma choimheadas sibh seo an toiseach 's dòcha gun còrd an geama ruibh barrachd.


Sgòr Phuingean

Tha a' chuid as motha de na geamannan a' toirt seachad phuingean airson freagairtean ceart.

Ceann-ùine

Tha uibhir ùine airson gach geama a chluich – nuair a bhios sin seachad thig bogsa-beò 'Sgòr' suas air an sgrìon. Gabhaidh an geama tòiseachadh às ùr le bhith a' gliogadh.

Freagairtean

Mar a dh'fheumas a h-uile coimpiutair, feumaidh gach freagairt a bhith am measg an fheadhainn a chaidh a chur dhan phrògram aig a' gheama. Dh'fheuch sinn ri beagan dhiofar fhreagairtean a leigeil troimhe, ach gun teagamh thig cuideigin le freagairt ceart nach eil a' maidseadh dha na freagairtean ceadaichte. Bi foighidneach - agus feuch dòigh eile, air neo fuirich ach am faic thu am freagairt 'ceart' a thig suas (cha toirear ach aon stoighle air an sgrìon) agus lean an stoighle a tha sin.

A' Leughadh Riaghailtean

Feumaidh an leughadh seo a bhith air a dhèanamh gus am faigh sibh an rud as fheàrr às na geamannan agus gus nach fhàs sibh sàraichte – ach, 's dòcha gun gabh cuid de chluicheadairean (gu h-àraid clann nas òige) rathad nas socaire – Cluich is Faic! 'S dòcha gun obraich seo meadhanach math – gu h-àraid ann an àireamh de gheamannan far nach eil barrachd Amasan Cànain ann as dèidh nan riaghailtean.

Riaghailtean

Tha 2 no 3 bogsaichean taice anns a h-uile geama, a' sealltainn 'Ciamar a Chluicheas', 'Facail' agus uaireannan 'Gràmar'. Thèid puingean a chall bhon sgòr mar is àbhaist nuair a thèid na bogsaichean Facail/Gràmar am fosgladh. Dh'fheuch sinn ri brìgh nam bogsaichean seo a chumail rianail agus ceangailte ri feuman gach geama gus nach bi iad ro thomaideach.

Amasan Cànain Gàidhlig:

air an clàradh am broinn an seata seo de Notaichean a' sealltainn na tha sna geamannan, a tha cuideachd a' toirt seachad:

Ìreannan Duilgheadas Cànain:

Beagan stiùiridh bho 1 (as fhasa) gu 3 (as duilghe) a thaobh obair cànain.

Tiotal a' Gheama
(Comaig da rèir)
Sgilean
Choimpiutair/ eile
Amasan
Cànain
Ire
Cànain

Dèan Breacan

Make Tartan

Lean riaghailtean
Dèan pàtranan.
Gliog is dragh airson dathan, leud, etc

Neonì

0

Na Seachd Peacaidhean

Seven Sins

(Ailean nan Creach)

Gliog air rud tha 'gluasad.
Co-oibreachadh sùil/làmh.

Neonì

0

Bualadh nan Dallag

Mole Bash

Gliog air rud tha 'gluasad.

Co-oibreachadh sùil/làmh.

Neonì

0

Grand Prix nam Muc

Piggy Grand Prix

Gliog gu sgileil air targaid a' gluasad
Co-oibreachadh sùil/làmh.
Lean riaghailtean.

Neonì

0

Geama Dathan an Fhèidh

Moose's Colour Game

Gliog agus Dragh
Smaoinich gu rianail (maids solais ceart/ cha mhòr ceart ris na taghaidhean). An aire! Tha an aon dath gu tric cleachdte dà uair air an aon loidhne.

Neonì

0

Banànathan a' Chait

Cat's Bananas

Taip am freagairt, a' taghadh 's ag ath-sgrìobhadh ceart bho liosta.
Maids beathach is biadh

Is toil/ Is fheàrr

1

Faclan aig Fionn

Finn's Missing Word

Gliog air litrichean.
Mothaich litrichean air an cleachdadh mar tha.

Litreachadh de dh'fhacail furasta

1

Builgeanan na Bana-bhuidsich

Witch's Word Bubbles

Tagh, Gliog is Dragh.
Oibrich ris a' ghleoc. Coimhead an sgòr.

Òrdugh fhaclan ann an santans sìmplidh
(tha + cùisear + gnìomhair +/no àite......)

1

A' Faicinn 's a' Dèanamh

Seeing & Doing

Faic gluasadan agus maids facal is gnìomh.
Taip facail, ag ath-sgrìobhadh bho liosta.

Tràth Làthaireach dhen ghnìomhair a bhith agus gnìomhairean sìmplidh de ghluasad.
(Tha e a' snàmh, etc)

1

Facail nan Coig Litrichean

Five Letter Words

Faic is Ainmich rudan
Taip facail.
Cleachd tuigse gus litrichean an fhacail a (ath)-thaghadh

Litreachadh
A' leudachadh eòlas-facail de rudan sìmplidh

1

Glac a' Mheanbh-chuileag Mhòr

Catch the Monster Midge

(a' Mheanbh-chuileag Mhòr)

Gliog is dragh air a' chuileig airson a cur a-mach às an uinneig.
Èist (ma thogras) ris a' chòmhradh is leugh na builgeanan-còmhraidh.

Leugh is cluinn (ma thogras).

1

Càit a bheil a' Mheanbh-chuileag Mhòr

Where is the Monster Midge

(a' Mheanbh-chuileag Mhòr)

Gliog air àiteachan san rùm gus a' chuileag a lorg.
Èist (ma thogras) ris a' chòmhradh is leugh na builgeanan-còmhraidh.

Leugh is cluinn (ma thogras) ceistean "A bheil... agus "An ann.........? (agus abairtean àite) agus na freagairtean.

1

A' Chlach Amhairc

The Seeing Stone

(Coinneach Odhar Fiosaiche)

Coimhead air rud a tha a' fàs & aithnich e.
Taidhp a-steach ainmear Gàidhlig.
Cleachd liosta-roiligidh gus litreachadh ceart a lorg, ma dh'fheumas.
Oibrich gu luath gus puingean a chosnadh.

Ionnsaich ainmearan/rudan Gàidhlig furasta.
Litrich gu ceart.

1

Sgeulachdan Fhraoich

Fraoch Stories

(Fraoch)

Gliog gus pìos sgrìobhadh a thaghadh.

Leugh is Tuig.
Dèan suas stòiridh ann an òrdugh bho thaghaidhean sgrìobhte dhut.

1/2

'S iomadh Rud a rinn mi

Doing Many Things

Ath-sgrìobh ceart bho liosta.
Sgilean cuimhne mu dè thachair, ann an òrdugh.

Gnìomhairean an cruth a' (seinn) leis a' ghnìomhair a bhith a-nis, seachad & teachdail

1/2

Gràineag air Bhoil!

Hedgehog Panic

Co-oibreachadh sùil/làmh aig astar.
Gliog gus litir a ghlacadh.
Mothaich litrichean cleachdte.

Litreachadh de dh'fhacail furasta

1/2

An Rud Sin no an Rud Seo

Here & There

Taidhp a-steach facail.
Mothaich an e Seo/Sin a tha ra chleachdadh.
Ath-sgrìobh buadhairean gu ceart.
Taidhp ainmearan leis an alt cheart (a'/an/am etc) (Tha a' ghnè (fir/boir/iolra) air innseadh air putan air an sgrìon).

Seo/ Sin.
Cleachd am/an/a'/na etc ceart a-rèir gnè an ainmeir (fir/boir/iolra)

1/2

Tìodhlacan na Nollaig

Christmas Presents

Mothaich cò tha a' bruidhinn.
Leugh ainmean air bileag gibht.
Dèan a-mach an e dòigh-bruidhinn 1st/2nd/3rd duine a bu chòir cleachdadh.
Gliog air freagairt bho liosta tuiteam-sìos.

Cruthan làidir de 'dhomhsa etc & leamsa etc' air liosta air an sgrìon. Gliog air an fhear cheart.

1/2

Càite Bheil an t-Uisge Beatha?

Where's the Whisky?

(Ailidh Mal)

Leugh ceist sa Ghàidhlig air gach sgrìon. Gliog air freagairt bho liosta tuiteam-sìos.
Coimhead Ali a' tighinn dhachaigh v saighdearan a' tighinn gus an glacadh.

Gnìomhair 'Thig' sa h-uile tràth.
Ceist is Freagairt: Leugh is tuig a' cheist.
Gliog air freagairt bhon liosta.

1/2

Ciamar a tha an Aimsir?

What's the Weather Like?

Coimhead air an sgrìon is faic mar a tha an aimsir.
Maids Tha/Bha/Bidh gu An-diugh/an-dè/a-màireach.
Cleachd stòras-facail gus faclan air an aimsir, agus cuideachd co-ghnìomhairean, a leudachadh.

Cleachd dà sheòrsa de sheantans: Tha .(ainmear/ceò)...ann & Tha e/i .. (adjective/ceòthach).
(Chan eil dòigh-bruidhinn 'S e...a th' ann sa gheama seo). Tha/Bha/Bidh
Leudaich fios air faclan aimsire.
Sàr-choghnìomhairean: iongantach fuar; gu math teth; uarraidh gaothach; uabhasach, sgrathail etc.

1/2/3

Co ris a tha thu Coltach?

What Do You Look Like?

Gliog air ceàrnag.
Taipeadh sìmplidh.
Sgilean mion-choimhead.

Tuairisgeul de choltas - ceann, aodann, aodach amhaich.
Aige, oirre etc
(co aige/co air)

2

Leamsa is Leatsa  

Mine & Yours

Tagh abairt cheart fon bhogsa-tuiteam
Sgilean cuimhne/ co leis gach rud

S ann/ Chan ann
leamsa, leatsa
etc.
fireann/boireann, e/ i
(sealbh- co leis)

2

A' Lorg Bèibidh-Ùruisg

Finding Baby Uruisk

(Bèibidh Ùruisg )

Tagh bho liosta.
Ath-sgrìobh gu ceart.
Taip a-steach facail..

Litreachadh
Roimhearan fillte (ri taobh, faisg air, etc).
Ainmearan ann an Suidheachadh Ceangailte.

2

A' Mhàgag Dhubh aig MacIcAilein

Black Toad of Clanranald

(Màgan Dubh Mhic IcAilein)

Gliog & Dragh.
Tagh an gnìomh ceart.
Coimhead is gleus do ghnìomhan.

Leugh is Tuig abairtean.

2

Coineanaich is Sealgairean

Rabbits & Hunters

A' cunntadh.
Taip is litrich gu ceart.

Àireamhan de rudan (rabaidean) is de dhaoine (sealgairean).

2

Ainmean Àite

Gaelic Place Names

Maids dealbh is facail mu thalamh.
Tagh bho liosta.

Facail mu chomharran dùtchcha.
Aithnich Suidheachaidhean Ceangailte (m.e. cnoc na craoibhe)

2

Nas Mòtha Nas Fheàrr

Bigger Better

Taip facail gu ceart
Tuig na dealbhan gus freagairtean a dhèanamh.

Buadhairean Coimeasach agus Sàr-choimeasach (m.e. beag, nas lugha, as lugha)

2

Càit a bheil Iad a' Fuireach?

Where do they Live?

Maids daoine, rudan etc ris an dachaigh aca.
Maids ceist is freagairt.
Taip facail

A bheil...? Am bi....?An e....? An ann....? Freagair na ceistean seo mar bu chòir.
Àiteachan far a bheil rudan.

2

Dèan an Obair-Taighe!

Do the Housework!

Coimhead an comharra gus an dèan no NACH dèan thu rudeigin.
Taip/ath-sgrìobh santans da rèir.

Eòlas-facail mu obair-taighe.
Leugh òrdugh no ceist sìmplidh ann an àm seachad no teachdail agus freagair mar bu chòir.(m.e.An do ghlan thu an làr?  Ghlan mi an làr.)

2

Glanadh as t-Earrach

Spring Cleaning

Lean fios nam putan Fir/boir/iolra.
Taidhp a-steach dà fhacal gach turas. Coimhead an duine a' leantainn na chaidh innseadh dha.

ga /ga h- / gan /gam (ra chleachdadh ceart).
Fios mun dàrna pàirt de ghnìomhairean a dhìth: tilgeil; falach; ithe

2

A' Fònadh Dhachaigh

Phone Home

Leugh ceist is faic bhon t-seòrsa deilbh an e freagairt 'seadh' no 'chan eadh' a bhios ann.
Taidhp a-steach facail gus freagairt.
Ath-sgrìobh a' chòrr dhen abairt gu ceart (à /a /ann an Glaschu/aig an drochaid, etc).

Freagair ceist leis a' ghnìomhair san tràth is sa chruth cheart.
Seachadail/Teachdail de : Faic, Rach, Thig, Ruig, Fàg, Fuirich, Tadhail. Ainmean Bhailtean an Alba & àiteachan (& deilbh) m.e. an t-Òban/am baile/na beanntan etc ann an abairt le roimhear, ri ath-sgrìobhadh bhon cheist.

2

Sgeulachdan an Taigh-Sholais

Lighthouse Tales

Rannsaich am broinn deilbh.
Tagh bho liosta air bogsa-tuiteam

Dèan stòiridh, a' taghadh bho liosta de thachartasan.
Leugh an stòiridh gu lèir.
Tachartasan ann an òrdugh.

2/3

Draoidh-ille

Boy Wizard

(Draoidh-ille)

Taip santansan.
Ainmich beathaichean.

An gabh? Gabhaidh/cha ghabh Ainmean bheathaichean agus Suidheachadh Ceangailte '...dreach nathrach'

2/3

Obair Mhath

Doing a Good Job

Taip na taghaidhean.
Maids aodach ri obair dhaoine

Dreuchdan obrach
Tha e/i na ................
'S e ...............a th'ann/a th'innte, etc

2/3

Ban-tighearna Labhair

Lady of Lawers

(Ban-tighearna Labhair)

Coimhead air na fàisneachdan a' tighinn gu buil (Faic an saoghal a' tighinn gu crìch ma tha thu uile ceart san ùine).
Gliog gus cruth ceart a' ghnìomhair a thaghadh anns gach bogsa.

Còmhradh Neo-dhìreach (mar as trice 'thuirt' san tràth sheachad + teachdail).
Leugh abairtean is seantansan fada – tagh eadar dà chruth den ghnìomhair gach turas

2/3

Oileanach a' Bhuidsich

Wizard's Apprentice

Leugh is faic an e òrdugh dìreach no modhail a th' ann.
Lorg an rud ceart air an sgrìon.
Lean sreath de ghluasadan: Taidhp facail/ put 'Enter'/gliog, dragh, gliog etc.
Cleachd sgilean leis an luchaig gus an rud a thogail 's a chur dhan phoit mhòir. (spotan targaid s&ograv;enraichte gus togail/fàgail).
Cluich aig diofar ìre gus comas cànain a fhreagairt

Freagair le 1. 'Nì mi sin' air neo
2. aithnich (a) òrdugh no (b) iarrtas, is freagair da rèir le (a) Seo (curran) no (b) Gheibh/Bheir /Thig /Cuiridh/ Lorgaidh/ Togaidh mi (curran).
Diofar ainmear sna rudan dhan phoit mhòir.

2/3

Linne nam Bòcan

Zombie Rockpool

Gliog is Dragh.
Taip facail.
Lean and 'Sgòr' gu faic dè rud as fheàrr a thaipeadh

Pàirtean (buill) a' chuirp.
Cas/làmh dheas/chlì
Seata de dh'ainmean ann an Suidheachadh Ceangailte (e.g.ceann a' bhalaich)
Ainmearan firionn & boireann

3

Dealbhan Teaghlaichn

Family Photos

Coimhead/aithnich duine san dealbh & duine a' soillseadh, is an càirdeas eatorra (abairt 3s duine – 'S e sin a mhac, etc).
Lorg bogsa ceann-ri-ceann ag innse mu abairt 1d/2na ('S e sin mo/do phiuthar, etc).
Taidhp a-steach abairt shìmplidh: 'S e sin do mhac, etc.

Ainmearan teaghlaich (air an sgrìon) athair, màthair, etc.
Buadhairean sealbhach mo/do/an, etc. mo sheanair/ a h-athair/ ogha, etc.

3

Am Ministear 's an Sithiche

The Minister and the Fairy

(Am Ministear a Chunnaic na Sìthichean)

Tagh dè nì thu le gliogadh air bogsa deilbh.
Taidhp a-steach cruth ceart nam facal.
Atharraich gu iarrtas ma dh'fhàsas iad 'feargach'.
Coimhead daoine a' dèanamh nan rudan air an sgrìon.

Thoir òrdugh, dàimheil (min. gu ban-shìdh) no modhail (ban-shìdh gu ministear) : Suidh/suidhibh; seinn/seinnibh etc. Ma bhios iad feargach, cleachd: Am b' urrainn dhut/dhuibh....; An deigheadh sibh...; An suidh thu....etc (nas modhaile).
Cuideachd, stiùireadh co'n taobh, deas/clì/air mo chùl, etc; Pàirtean a' chuirp gu sònraichte aodann/ceann; Diofar òrdugh shìmplidh mar sgròb/brùchd/casad, etc ; do & bhur (buadh. sealbh.) = do shùil/bhur teanga, etc

3

Thoir Dhomh e

Take That

Coimhead air na h-aodainnean air an sgrìon is feuch an dèan thu mach dè tha a' tachairt: cò tha a' faighinn is cò tha a' toirt seachad.
Lìon na beàrnan; gliog gus facail a thaghadh bho liosta-tuiteam.
Cuimhnich na facail sa cheist cheart gus facail an fhreagairt a lorg – fhathast a' gliogadh gus taghadh.
Coimhead 'Sanas' gus na facail ceart fhaicinn ann am Beurla a ghabhas eadar-theangachadh.

Ceist & Freagairt: Gnìomhair 'Thoir' ann an tràthan Làthaireil /Seachadail/ Teachdail. Riochdairean roimhearach leam/dhiot/dhaibh etc ann an liosta gus taghadh le gliogadh.

3

dlighe-sgrìobhaidh © 2003 - 2014 Am Baile/The Gaelic Village