Am Baile logo Back to the Main site

Turasachd

Ro-ràdh

Tha turasachd mar aon de na gnìomhachasan as motha aig Alba. Bidh na seallaidhean iongantach agus eadar-dhealaichte a chithear anns an t-solas shìor-chaochlaideach a' tàladh luchd-tadhail bho air feadh na cruinne. Bidh am pailteas ainmhidhean agus fhlùraichean a' tarraing luchd-eòlais-nàdair bho fhad is farsaing. Bidh goilfearan, mòran dhiubh le cliù eadar-nàiseanta, a' tighinn 's a' faighinn tlachd ann a bhith a' cluich ann an Alba, "dachaigh goilf". Tha eachdraidh fhada na h-Alba ri fhaicinn na h-iomadh caisteal agus carragh àrsaidh, agus bidh mòran luchd-turais a' tadhal orra gach bliadhna. Agus cuideachd tha na h-eileanan ceòthach, an ceòl traidiseanta, am biadh, Slighe an Uisge Bheatha agus tòrr a bharrachd a' cur ris na tha an luchd-turais a' fiosrachadh.

Agus tha a' mhòr-chuid dhe sin ri fhaotainn air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan!

Clàr-ìnnse

Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.

RANNSAICH CUSPAIREAN EILE

Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.

Main picture