Thòisich daoine ag iasgach gu math tràth ann an eachdraidh. Tha iasgach na phrìomh ghnìomhachas air a' Ghàidhealtachd agus tha coimhearsnachdan slàn an urra ris. Chleachd daoine a bhith a' glacadh trosg agus sgadan airson nan teaghlaichean aca. Bha an t-iasg sin cudromach ann an daithead nan daoine
Mar a bha na bàtaichean a' dol na b' fhaide agus na b' fhaide a-mach gu muir, thòisich mòran dhaoine air obair an iasgaich. San 18mh agus san 19mh linn, chaidh bailtean, leithid Thobar Mhoire agus Ulapuil air an taobh an iar agus Port Cnocaidh agus An Dùn air an taobh an ear, a thogail air sgàth phlanaichean airson an gnìomhachas seo a stèidheachadh agus a leudachadh. Bha coimhearnsachd-iasgaich sa mhòr-chuid dhe na puirt iasgaich air an taobh an ear agus bha na daoine a bha annta glè dhlùth dha chèile. Ann an àitichean mar Ulapul agus Malaig, cha mhòr nach biodh a h-uile duine ag iasgach.
Bha iasg ùr sna h-àitichean air a' chosta agus bhiodh mnathan an iasgaich a' siubhal mhìltean a-steach air an dùthaich le iasg saillte. B' e sgadan saillte agus buntàta am prìomh bhiadh a bha aig iomadh teaghlach croite. Bhiodh iasg eile mar bhradan agus breac aca cuideachd. Bha iad sin air an glacadh ann an lìn no ann an cairidh (seòrsa de bhalla air a thogail aig beul aibhne airson iasg a ghlacadh) agus chì thu pìosan dhe na cairidhean sin fhathast ann an iomadh bàgh.
Bha teaghlaichean croite a' faighinn beagan airgid a bharrachd on iasgach. Bhiodh daoine a' gluasad air feadh nam port iasgaich air an taobh an ear, mar Inbhir Ùige, an tòir air obair gach ràithe. Bha seo na phàirt cudromach de theachd-a-steach an teaghlaich.
Leugh an teacsa agus freagair na ceistean.
Ceistean
- Dè an dà sheòrsa èisg a bha daoine a' glacadh?
- Ciamar a bha daoine a-staigh air an dùthaich a' faighinn an èisg aca?
- Dè am prìomh bhiadh a bha aig mòran chroitearan?
- Carson a bha an t-iasgach cho cudromach do dhaoine air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan?


