Am Baile logo Back to the Main site

Cumhachd

Ro-ràdh

San àm a dh'fhalbh bha a' Ghàidhealtachd an crochadh air na stòrasan nàdarra, gaoth, uisge, fiodh agus mòine, mar stòrasan cumhachd.

Bha cumhachd gaoithe doirbh a smachdachadh agus is beag a bh' ann de mhuilnean-gaoithe traidiseanta. Bha cumhachd uisge air a chleachdadh gu bitheanta fad iomadh linn, gu h-àraidh gus gràn a bhleith agus nas anmoiche, airson snìomh agus fighe chlòitean. Bha fiodh, ann an riochd gual-fhiodha, air a chleachdadh airson iarann a leaghadh. Tha fuigheall ionadan iarainn ri fhaicinn fhathast aig m.e. Loch Obha agus Loch Ma-Ruibhe far a bheil na h-ainmean-àite "An Fhùirneis" ann gus an latha an-diugh. Bha fiodh cuideachd na chonnadh dachaigh, ach thàinig a' mhòr-chuid de theasachadh dhachaighean bho bhith a' losgadh mòine. Tha mòine ga buain fhathast san dòigh thraidiseanta ann an iomadh sgìre den Ghàidhealtachd, ged a tha an cleachdadh a' dol à bith.

Bheil sin uile ag ràdh gur dòcha gu bheil a' Ghàidhealtachd gann de chumhachd airson an nuadh-shaoghail? 'S i nach eil! An-diugh 's e a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan aon de na sgìrean cumhachd as beartaiche san Roinn Eòrpa le stòrasan mòra ola agus gas far a' chosta, pailteas mòr cumhachd dealain-uisge agus comas mòr airson cumhachd gaoithe agus tuinn.

Clàr-ìnnse

Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.

RANNSAICH CUSPAIREAN EILE

Tha stuth ri fhaotainn air a' chuspair seo a dh'fhaodas luchd-teagaisg a chleachdadh sa chlasrum.

Main picture