Am Baile logo Back to the Main site
Image

Croitearachd

1. Taigh Croite

priont an duilleag seo

Fireannach agus boireannach taobh a-muigh an taigh croite anns na h-Eileanan Siar.

Taigh Croite

Cha b' e taigh a bh' ann an croit ach pìos talmhainn. Mar bu trice b' ann leis a' chroitear fhèin a bha an taigh aige ach cha bhiodh an talamh aige ach air mhàl. Bhiodh màl air a phàigheadh do dh'uachdaran agus bhiodh cuid de thalamh coitcheann a' bhaile aige cuideachd, còmhla ri na croitearan eile. Cha robh còirichean-fearainn sam bith aig a' chroitear leis an t-siostam seo agus dh'fhaodadh uachdaran an croitear fhuadach às nan togradh e. Ann an 1883 chuir an Riaghaltas an dreuchd Coimisean Rìoghail gus Ceasnachadh mu Chòirichean nan Croitearan, fon ainm Aithisg Napier. As dèidh Aithisg Napier chaidh Coimisean (no Ùghdarras) nan Croitearan a chur air bhonn a dhèanamh cinnteach gun robh còirichean-fearainn aig croitearan, màl cothromach, agus airgead dìolaidh mu choinneamh call fearainn.

Brùth an seo airson an ìomhaigh a dhèanamh nas motha. Leugh an teacs agus, an uair sin, freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Ro 1833, carson a bha e cho furasta dhan uachdaran croitear fhuadach?
  2. Dè an t-ainm a bh' air an aithisg às an tàinig Coimisean nan Croitearan gu bhith air a stèidheachadh?
  3. Dè na trì dòighean anns an do chuidich stèidheachadh Coimisean nan Croitearan suidheachadh nan croitearan?
2. Baile Croitearachd