Am Baile logo Back to the Main site
Image

Ceiltich, Cruithnich, Lochlannaich

1. Ceiltich, Cruithnich, Lochlannaich

priont an duilleag seo

Sṭr 1

Bha gluasad sluaigh riamh na phàirt de dh'eachdraidh na Gàidhealtachd. Suas gu mu 8000 RC dh'fhaodadh daoine coiseachd a Bhreatainn às an Roinn Ẹrpa; cha robh Caolas Shasainn ann an uair ud. Choisich a' chiad luchd-tuineachaidh dhan Ghàidhealtachd às an Roinn Ẹrpa thairis air drochaid de thalamh tioram. B' e luchd-seilg is tionail a bha sna daoine sin.

Thuinich a' chiad thuathanaich an seo eadar 3500 is 4000 RC. Canaidh sinn gum b' e seo toiseach Linn na Cloiche no an Linn Nuadh-chreagach. Thàinig tuineachadh an cois an àiteachais agus ghluais barrachd dhaoine dhan Ghàidhealtachd. Aon uair 's gun robh tuineachadh ann, bha cothrom ann air śobhaltachdan na b' adhartaiche eadar 3000 is 700 RC. B' iad seo na daoine a bha bẹ aig deireadh Linn na Cloiche agus toiseach Linn an Umha.

Le na leasachaidhean a thàinig ann an obair a' mheatailt eadar 700 RC agus 400 AD, thàinig muinntir Linn an Iarainn. B' ann san linn seo a thàinig ar śnnsearan Ceilteach a Bhreatainn agus a dh'Eirinn. Thug iadsan leotha na cànanan Ceilteach - Cuimris, C̣rnais agus seann Gàidhlig. Ach cha do ràinig a' Ghàidhlig Alba chun a' 5mh linn. B' e Cruithnich an t-ainm a bha aig na Ṛmanaich air na h-Albannaich aig an àm seo. Tha eachdraidh sgŕobhte na h-Alba mar a fhuair sinn i bho na Ṛmanaich a' ṭiseachadh le na Cruithnich. Ach chan eil fhios aig duine am b' e na h-aon daoine a bha anns na Cruithnich agus na h-Albannaich.

Anns a' cḥigeamh linn AD, thuinich na Gàidheil no na 'Scotti' air oirthir taobh an iar dheas Alba an dèidh dhaibh tighinn a-nall à Èirinn. Bha iadsan am measg a' chiad fheadhainn a thug Cŕosdaidheachd a dh'Alba agus bha miseanairidhean aca leithid Cholm Chille. Ach tha fianais ann gun do ràinig Cŕosdaidheachd Alba ron àm sin nuair a thàinig an Naomh Pàdraig a dh'Alba à Èirinn.

Mu 790 AD thàinig na Lochlannaich thar a' Chuain a Tuath à Nirribhidh agus chuir iad taobh an iar agus taobh tuath na h-Alba f̣pa fhèin. Bha na Lochlannaich mu dheireadh am measg nan urracha ṃra a bha a' riaghladh Alba. Thàinig an sliochd Lochlannach-Gàidhealach aca gu bhith nan Tighearnan nan Eilean. Bha Tighearnan nan Eilean cumhachdach chun a' 15mh linn.

Thug na Normanaich dùbhlan don bhuaidh Lochlannach-Ghàidhealaich on 12mh linn. B' ann às an Fhraing a thàinig na Normanaich bho thùs. Thug na Normanaich fiùdalachd dhan Ghàidhealtachd. Thàinig cuid dhe na teaghlaichean Normanach gu bhith nam pàirt dhe na cinnidhean a tha againn an-diugh mar na Frisealaich, na Siosalaich agus na Dùghlasaich.

Leugh an teacsa agus an uair sin freagair na ceistean a leanas.

Ceistean

  1. Maids gach toiseach is deireadh agus bidh paragraf agad mu eachdraidh thràth na Gàidhealtachd. Tha gach toiseach anns an ̣rdugh cheart.
    ToiseachDeireadh
    Ro 8000 RC dh'fhaodadh luchd-seilg is tionail . . . . . . tro thuineachadh.
    Thàinig a' chiad thuathanaich a Bhreatainn . . . . . . bha iad a' riaghladh nan eilean chun a' 15mh linn.
    Thug iad leotha sẹrsa de sh́obhaltachdan tràtha . . .. . . mu 4000 RC.
    Thug muinntir Linn an Iarainn na cànanan . . .. . . coiseachd às an Roinn Ẹrpa a Bhreatainn.
    B' ann sa 5mh linn . . .. . . a thàinig na Gàidheil a dh'Alba.
    Thàinig na Lochlannaich an uair sin san 8mh linn agus . . .. . . Ceilteach a Bhreatainn an dèidh 700 RC.
2. Clach Baile a' Chnuic